Soilleireachadh foghlaim a dhìth
- Air fhoillseachadh

Feumaidh roinn an fhoghlaim soilleireachadh cho luath 's a ghabhas air na bhios Breatainn a bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich a' ciallachadh dhaibh, a rèir Stiùiriche Foghlaim Sabhal Mòr Ostaig, Iain Tormod MacLeòid.
Bha e a' toirt seachad fianais do Chomataidh nan Cùisean Albannach anns an Eilean Sgitheanach Diluain.
Tha Mgr MacLeòid ag ràdh gu bheil oileanaich à dùthchannan cèine fìor-chudromach do dh'fhoghlam an Alba agus dhan Ghàidhealtachd gu sònraichte.
"Chan eil 's dòcha an t-uabhas oileanach a' tighinn, 's tha an aon rud fìor a thaobh Oilthigh na Gàidhealtachd," thuirt Mgr MacLeòid.
"Tha a' mhòr-chuid de dh'oileanaich, 's ann bhon Ghàidhealtachd fhèin a tha iad, agus bho sgìrean eile de dh'Alba.
"Tha sinne a' faighinn feadhainn ann an seo cheana.
"Tha e caran draghail, feumaidh mi aideachadh, nach eil fiosrachadh dearbhte a' tighinn a-mach, agus mar sin chanainn gur e dragh a th' ann, ach bhiodh sinn an dòchas gun sealladh daoine air seo.
"Na h-oileanaich a tha a' tighinn, tha iad air leth cudromach dha foghlam ann an Alba.
"Tha e cudromach cuideachd, gum bi cothroman aca an uair sin a bhith a' fuireach anns an dùthaich agus a bhith a' cur ris an eaconamaidh ann an seo.
"'S e aon rud a bha sinn a' comharrachadh an-diugh, ma tha aon rud fìor mun Ghàidhealtachd, 's e gum bu chòir barrachd dhaoine a bhith a' fuireach ann.
"Agus bhiodh e math nam b' urrainn dhuinn tàlant a bharrachd fhaighinn a-staigh dhan dùthaich againn, dha na sgìrean againn, dha na coimhearsnachdan againn.
"Tha sinne ag obair taobh a-staigh Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Tha Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' co-obrachadh le oilthighean eile air feadh Alba.
"Bidh seo na dhragh air feadh Alba - bidh e na dhragh air feadh Bhreatainn cuideachd.
"Agus mar sin, chanainnsa, 's e rud air am bi sinn a' sireadh fhreagairtean air a shon a bhios ann," thuirt e.