Buidheann luchd-ionnsachaidh "cudromach"

Clas Gàidhlig
Image caption Thuirt a' bhuidheann gu bheil e cho cudromach 's a bha e riamh gum buidheann ann a' cumail taic ri luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Thuirt a' bhuidheann Clì Gàidhlig gu bheil dùbhlan mun coinneimh cumail a' dol - ach gu bheil e cho cudromach 's a bha e riamh gum bi buidheann ann 'son luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Thàinig air Clì an luchd-obrach a chur bhuapa is iad air taic-airgid a chall.

Thàinig e am bàrr an-uiridh gun robh a' bhuidheann fhèin ann an cunnart a dhol à bith, is Bòrd na Gàidhlig a' sguir am maoineachadh, nuair a thàinig an cùmhant eadar an dà bhuidhinn gu ceann.

Dh'fhàg sin gu bheil an oifis a bh' aig Clì Gàidhlig ann an Inbhir Nis a-nise dùinte, is iad air an luchd-obrach a bh' aca a chur bhuapa.

A-nise, ann am brath sgrìobhte, tha iar-chathraiche Chlì, Raonaid Alcorn, ag ràdh gu bheil Clì Gàidhlig fhathast ann, is am bòrd-stiùiridh ga ruith gu saor-thoileach.

Dh'iarr i gun tig a h-uile duine den bhallrachd as urrainn dhan choinneimh bhliadhnail aca san t-Samhain, le beachdan air an t-slighe air adhart dha Clì Gàidhlig.