Co-chomhairle air plana fèidh Uibhist
- Air fhoillseachadh

Thòisich co-chomhairle ann an Uibhist a thaobh plana fèidh a stèidheachadh.
Feumaidh am plana a bhith deiseil san t-Sultain am-bliadhna.
Thuirt Ruairidh MacGilleBhrath, a tha ag obair do dh'oighreachd Uibhist a Tuath, gu bheil e fìor chudromach gun tig leithid chroitearan air adhart le am beachdan air a' ghnothach.
"Feumaidh plana fèidh a bhith air dòigh aig a h-uile duine ron t-Sultain seo tighinn," thuirt Mgr MacIlleBhrath.
"Tha mi air a bhith aig dhà no trì choinneamhan a-niste eadar Uibhist a Deas agus Uibhist a Tuath, 's an rud a tha iad air a dhèanamh, tha iad air an inntinn a dhèanamh suas gun dèan iad aon phlana fèidh eadar deas agus tuath, an àite plana aig deas agus plana aig tuath.
"Na daoine a th' air a bhith aig na coinneamhan suas chun a seo, 's e a h-uile duine a tha a' faighinn beagan às, no a tha a' cosg leis na fèidh.
"Tha croitearan ann, tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba, na h-oighreachdan aig deas is aig tuath, poileasmain, dotairean - a thaobh a' ghartain - agus muinntir na turasachd. Tha iad a' feuchainn ris a h-uile duine a th' ann, airson 's gum faigh iad cùl-fhiosrachadh air dè tha daoine a' toirt às na fèidh, agus dè tha iad a' cosg dha na h-eileanan," thuirt e.
Bidh cothrom aig daoine cur ris a' cho-chomhairle oidhche Chiadain ann an Taigh-òsta an Eilein Duirche ann an Lionaceit, agus oidhche Ardaoin aig Ionad Chladach Chirceaboist, eadar 7:00f agus 8:30f.