Maoineachadh an àite son ionad slàinte ùir

Teine Image copyright SFRS

Tha muinntir Chille Chuimein a-nise air airgead gu leòr a thionnal airson ionad slàinte a' bhaile a thogail às ùr.

Chaidh an t-ionad a sgrios ann an teine san Damhair an-uiridh, agus bha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd air innse nach robh an t-ionmhas aca a chur air ais mar bha e.

Thuirt an fheadhainn leis an robh e, a bha a' tighinn faisg air aois an dreuchdan fhàgail, nach robh ùidh aca feuchainn ri ionad ùr a chur na àite.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach robh airgead acasan ionad ùr a thogail, agus gum faoidte taic a thoirt le màl a phàigheadh air togalach.

Chaidh companaidh coimhearsnachd Chille Chuimein agus Ghlinn Mhoireasdan an sàs, is iad ag amas air cha-mhòr £700,000 a thogail.

Thèid an cnap mu dheireadh - cha-mhòr £100,000 bho Stòras Fearainn na h-Alba - a thoirt seachad Diciadain.

Thèid ionad ùr, nas motha na am fear a bh' ann agus le goireasan a bharrachd, a thogail air an làraich.