Aonta mu bhusaichean aiseig Ulapuil

Alt-aiseig Ulapuil

Bu chòir gum bi luchd-siubhail an ìre mhath cinnteach a-niste gum faigh iad àite air a' bhus eadar Ulapul agus Inbhir Nis ma cheannaicheas iad tiocaid ro làimh.

Bidh tuilleadh sheibheisean air an t-slighe sin an dèidh aonta eadar Hitrans, Comhairle nan Eilean Siar agus Citylink.

"Tha sinne air tòrr obrach a chur a-steach air seo eadar a' Chomhairle agus Hitrans," thuirt Cathraiche Comataidh Chòmhdail Chomhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh.

"Tha sinn an dèidh tòrr ghearainnean fhaighinn cuideachd airson mar a bha a' tachairt dha daoine a' tionndadh an-àirde aig stèisean nam busaichean an Inbhir Nis 's nach fhaigheadh iad dhachaigh.

"Bha eisimpleir againn de dhaoine a dh'fheumadh tacsaidh a ghabhail cuideachd.

"Thàinig sinn dhan cho-dhùnadh, ann an co-bhann ri Citylink, gun dèanadh sinn cùmhnant riutha airson gun dèan sinn cinnteach.

"Chan urrainn gealltannas 100% a thoirt, ach bidh e an ìre mhath, 's gum faigh a h-uile duine dhachaigh.

"An taobh eile cuideachd, bho Ulapul gu Inbhir Nis," thuirt e.

Thuirt Mgr MacAoidh gu bheil e cudromach dha-rìribh gun clàr daoine ro-làimh airson suidheachan a bhith aca air a' bhus.

"Tha sin gu math cudromach. Ma bhios na h-àireamhan aig companaidh nam busaichean ro-làimh bidh fhios aca an dèan an aon bhus a' chùis no a bheil iad ag iarraidh dà bhus.

"Tha sinne a' toirt gealltanais dha companaidh nam busaichean, ma bhios call sam bith ann, gun dèan sinne an-àirde air a shon," thuirt e.