Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chilcott

Thèid Aithisg Chilcott air cogadh Iorac fhoillseachadh an ceann beagan mhionaidean, seachd bliadhna an dèidh dhan rannsachadh tòiseachadh. Tha an aithisg, anns a bheil còrr is dà mhillean facal, a' toirt beachd air a' cho-dhùnadh fo an deach Breatainn còmhla ri Aimeireaga gu cogadh ann an Iorac an an 2003. Tha fiosrachadh san aithisg cuideachd mun chòmhradh eadar Tony Blair agus an Ceann-Suidhe Bush, agus an fhianais air an deach co-dhùnadh a dhol gu cogadh.

Baghdad

Tha dearbhadh ann a-niste gun do chaill air a' char as lugha 250 duine am beatha sa cheannairc ann am Baghdad air an deireadh-sheachdain. Dh'aidich an Stàit Ioslamach gur iad a bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh as miosa ann an Iorac bho chaidh feachdan Aimeireaganach agus Breatannach an sàs anns an dùthaich ann an 2003.

Liam Fee

Chaidh binn beatha sa phrìosan air dithis bhoireannach airson muirt a' ghille bhig Liam Fee. Mharbh màthair Liam, Rachel Fee, agus a càraid Nyomi Fee, an gille beag ann an Gleann Rathais ann am Fìobha bho chionn dà bhliadhna. Chuir am Morair Burns aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann Nyomi Fee dhan phrìosan airson 24 bliadhna, agus Rachel Fee airson 23.5 bliadhna.

Oscar Pistorius

Chaidh binn sia bliadhna sa phrìosan air an lùth-chleasaiche às Afraga a Deas, Oscar Pistorius, airson muirt a leannain Reeva Steenkamp ann an 2013. 'S e 15 bliadhna a' bhinn a chaidh a mholadh, ach thuirt am britheamh anns an Àrd-Chùirt ann am Pretoria gu bheil fianais làidir ann airson binn nas giorra.

An t-Aonadh Eòrpach

Tha Ministear na h-Eòrpa ann an Westminster, Dàibhidh Liddington, ann an Dùn Èideann anns a' mhadainn an-diugh a' bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba mu bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich. Thuirt Mgr Liddington gun tèid cumail ris a' ghealltannas gum bi pàirt aig Riaghaltas na h-Alba anns a' phròiseas fo am fàg Breatainn an AE.

Fèidh Uibhist

Thòisich co-chomhairle ann an Uibhist air sgeama airson smachd a chur air na fèidh. Bidh coinneamhan ann a-nochd 's an ath-oidhche le eòlaiche a th' air bruidhinn mar thà ris na h-uachdarain agus ri buidhnean eile aig a bheil ùidh anns a' chùis. Feumaidh am plana a bhith deiseil anns an t-Sultain am-bliadhna. Tha na coinneamhan sin ann a-nochd an Taigh-òsta an Eilein Duirch ann an Lìonacleit aig 7:00f, agus an ath-oidhche, a-rithist aig 7:00f, ann an Ionad Chladach Chirceaboist.