Ionad Slàinte Chille Chuimein
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Togaidh coimhearsnachd ionad slàinte

6 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tòisichidh muinntir baile beag air a' Ghàidhealtachd a' togail ionad slàinte dhaibh fhèin an dèidh dhaibh airgead gu leòr a thionail air a shon. Chaidh ionad slàinte Chille Chuimein a mhilleadh gu tur ann an teine an-uiridh, 's cha robh duine deònach pàigheadh airson fear ùr. Ach tha airgead gu leòr aig muinntir na coimhearsnachd a-nis airson a thogail iad fhèin. Seo Dòmhnall Moireasdan: