Dithis chloinne tubaiste gan ainmeachadh

  • Air fhoillseachadh
Leia agus Seth McCorrisken

Dh'ainmich na Poilis dithis chloinne a bhàsaich ann an tubaist-rathaid an Earra-Ghàidheal Diciadain.

Chaidh an càr anns an robh Leia (3) agus Seth (2) McCorrisken, far an rathaid agus a-steach a Loch nan Druimnean, faisg air Cille Mheallaird, deas air an Òban.

Thugadh cuirp nam pàistean a-mach às an loch feasgar Diciadain.

Chaidh sgiobannan dàibhidh nam Poileas agus heileacoptair nam Maor-Cladaich a chur an sàs a sgrùdadh an locha an dèidh dhan ghairm èiginneach a bhith air a dhèanamh mu 4:00f.

Thugadh boireannach, 36, dhan ospadal san Òban às dèidh na tubaiste, ach chaidh a leigeil dhachaigh an dèidh dhi leigheas fhaighinn.

Thachair an tubaist air an A816 eadar an t-Òban agus Ceann Loch Giolp, mu 17 mìle deas air an Òban.

Thathas a' tuigsinn gun robh an rathad gu math fliuch aig an àm, le uisge na laighe an grunn àiteachan.

Thugadh an carbad a-mach às an loch tràth sa mhadainn Diardaoin.

Tha rannsachadh a' leantainn airson na dh'adhbharaich an tubaist a dhearbhadh, agus tha na Poilis ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu dèidhinn.