Dùil ri lagh na croitearachd ath-leasachadh

Caoraich

Dhaingnich Riaghaltas na h-Alba an gealladh aca gun tig atharrachadh air laghan croitearachd.

Bhruidhinn Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, aig fòram sònraichte dha croitearachd ann an Dùn Èideann, agus e gu math soilleir gun robh e airson gluasad air adhart a thaobh lagh na croitearachd.

Bha an Comh. Dòmhnall Crichton à Leòdhas an làthair mar riochdaire dha Co-chruinneachadh nan Ùghdarrasan Ionadail, agus tha e misneachail nach fhada gun tig atharrachadh.

"Chaidh am fòram a tha seo a chur air chois leis an Riaghaltas bho chionn treiseig," thuirt Mgr Crichton.

Shucksmith

"Tha e a' toirt ri chèile bhuidhnean aig a bheil ùidh ann an croitearachd.

"Tha Caidreachas na Croitearachd ann, 's tha Fearann Coimhearsnachd na h-Alba ann, 's an NFU cuideachd, 's tha comhairlean ionadail air an riochdachadh cuideachd.

"Chan eil fhios agam an tig atharrachadh cho cabhagach ri am-bliadhna, ach cha chreid mi nach eil dùil aig an Riaghaltas co-dhiù ath-leasachadh a dhèanamh anns an lagh anns na bliadhnaichean a tha air thoiseach co-dhiù.

"Ach tha sinne an dòchas plana gnìomha a chur air chois, a' coimhead ri dè na prìomh amasan a th' ann airson croitearachd san là a th' ann an-diugh.

"Chaidh draghan a thogail mu dheidhinn an t-suidheachaidh mar a tha e an-dràsta, ach cuideachd tha sinn a' coimhead ris na cùisean seo nas fharsainne, agus feumaidh leasannan a bhith air an ionnsachadh.

"Cuideachd, feumaidh sinn a dhol air ais, 's mathaid, gu na molaidhean a bh' aig Shucksmith ochd bliadhna air ais.

"Cha deach a h-uile moladh anns an aithisg sin a chur ann an lagh.

"Mar eisimpleir, neartachadh chomataidhean ionadail, agus a' toirt dhaibh barrachd chumhachd airson ath-leasachadh a dhèanamh.

"'S mathaid gur e sin aon de na rudan a dh'fhaodadh sinn a bhith a' coimhead ris mar bhuidhinn, agus a' toirt air adhart bheachdan agus mholaidhean mar sin dhan mhinistear anns na mìosan a th' air thoiseach," thuirt e.