Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dallas

Thuirt an Ceann-suidhe Obama gur e cùis uabhais a th' ann am bàs còignear oifigearan poilis ann an Dallas. Chaidh losgadh orra le gunna aig caismeachd an aghaidh tachartasan nas tràithe air an t-seachdain seo far an do mharbh poilis le gunnaichean dithis dhaoine dubha. Thuirt Mgr Obama gum bu chòir dragh a bhith air a h-uile Aimeireaganach mu mhì-chothromachd eadar diofar chinnidhean ann an siostam a' cheartais, ach gur e daoine ceart a th' anns a' mhòr-chuid de dh'oifigearan poilis, agus nach eil adhbhar sam bith, thuirt e, ann a bhith ri fòirneart nan aghaidh.

NATO

Thèid còrr is 600 saighdear Breatannach a chur gu taobh sear na h-Eòrpa mu choinneimh chunnart na Ruis dhan Iar. Bidh dearbhadh air sin aig Dàibhidh Camshron an-diugh aig coinneimh NATO ann an Warsaw - an turas mu dheireadh a bhios esan aig coinneimh NATO mar Phrìomhaire.

Tata Steel

Tha Rùnaire a' Ghnothachais, Sajid Javid, ann am Mumbai anns na h-Ìnnsean an-diugh a' coinneachadh ri ceannardan Tata Steel. Tha e ag iarraidh fiosrachaidh bhuapa mu na h-ionadan aca ann am Breatainn. Tha dùil ri dearbhadh gun tèid na h-uimhir de na h-ionadan sin a reic, ach gun tèid maill air a bhith a' reic feadhainn eile dhiubh.

Lagh na Croitearachd

Tha dòchas às ùr ann air atharrachadh a dh'aithghearr ann an laghan croitearachd an dèidh coinneimh ann an Dùn Èideann. Gheall Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, aig fòram air croitearachd, gum bi atharrachadh ann, agus coltas ann gu bheil a' chonnspaid mu Choimisean na Croitearachd bho chionn ghoirid air cabhag a chur ris a' chùis. Thuirt an Comh. Dòmhnall Crichton à Leòdhas, a bh' aig a' choinneimh, gu bheil na chuala e a' toirt misneachd dha gu bheil cùisean a' gluasad air adhart.

Rio Tinto

Chaidh soilleireachadh iarraidh air dè tha Rio Tinto am beachd a dhèanamh leis an leaghadair aluminium aca sa Ghearasdan, aig a bheil faisg air 150 duine ag obair. Thuirt Rio Tinto aig toiseach na bliadhna gun robh iad a' dol a dhèanamh sgrùdaidh air na goireasan a th' aca san sgìre. Tha iad ag ràdh a-niste gu bheil buidhnean eile a' gabhail ùidh anns a' ghnìomhachas, agus tha gearainnean ann an Loch Abar nach eil a' mhì-chinnt math dhan sgìre.

Tòrr Bheathain

Tha dùil gun tòisich obair air an ath-mhìos air raon goilf ùr ann an Inbhir Nis, a dh'fhàgas slighe do cheangal-rathad chonnspaideach ùr air taobh siar a' bhaile. Tha an raon goilf a th' ann an-dràsta aig Tòrr Bheathain air làrach an rathaid ùir. Thèid drochaid ùr cuideachd a thogail air a' chanàl aig Tom na h-Iubhraich. Tha dùil gun toir e mu thrì bliadhna a' togail an raoin ghoilf, a chosgas mu £8m.