Am Baile Ùr is an t-Òban troimhe

Cupa na Camanachd

Bidh an taghadh ann aig meadhan là Diluain dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Tha dà sgioba troimhe le cinnt aig an ìre seo.

Rinn Baile Ùr an t-Slèibh a' chùis 4-2 air Camanachd an Eilein Sgitheanaich Disathairne.

Air thoiseach

Bha iad air thoiseach 2-0 aig leathach slighe le dà thadhal bho Evan Menzies, is thàinig a dhà eile bho Thormod Caimbeul is Iain Robinson.

Fhreagair Jordan Murchison le dà thadhal anns na mionaidean mu dheireadh ach bha an gnothach seachad.

Chaidh Camanachd an Òbain air adhart an aghaidh Chill Mhàillidh.

Cudromach

Bha Cill Mhàillidh air thoiseach trì tursan ach fhuair Connor Howe an tadhal cudromach san dàrna leth gus Camanachd an Òbain a chur troimhe 4-3.

Bha Loch Abar air thoiseach iad fhèin dà thuras ann an Taigh na Bruaich ach thàinig Caol Bhòid air ais is chrìochnaich an geama 2-2.

B' e 1-1 a bh' ann eadar Ceann Loch Seile is a' Mhanachainn, Ceann Loch Seile feumach air tadhal bho Iain MacRath san dàrna leth gus cothrom eile fhaighinn sa Mhanachainn Disathairne seo tighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile