Taghadh Chupa na Camanachd

  • Air fhoillseachadh
Cupa na Camanachd

Bidh Ceann Loch Seile no a' Mhanachainn an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh san iar chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Sa gheama eile, bidh Camanachd an Òbain an aghaidh Chaol Bhòid air neo Loch Abair

Chaidh an taghadh a dhèanamh aig a' BhBC ann an Glaschu Diluain.

'S iad Dòmhnall Caimbeul bho MG Alba agus Uisdean MacIllinnein a rinn an taghadh.

Thèid an dà gheama a chraoladh beò air BBC Alba.

Bidh iad ann air an 13mh is an 20mh den Lùnasdal.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh