Gearain mu phlanaichean òtrachais

  • Air fhoillseachadh
GeàrrlochTùs an deilbh, Ken Bagnall/Geograph

Tha turasachd ann an sgìre Gheàrrloch air taobh siar Rois ann an cunnart a bhith air a sgrios, ma thèid sgeama òtrachais ùr a chur air bhonn sa bhaile, a rèir na Comhairle Coimhearsnachd.

Tha dragh orra gum bi òtrachas nach deach a ghlanadh ga chur dhan bhàgh, agus gum fàg sin na tràighean salach.

Tha Uisge na h-Alba ag ràdh gu bheil feum air sgeama òtrachais a' bhaile ùrachadh, agus gu bheil an siostam a tha nam beachd ag obair gu math ann an sgìrean eile.

"Tha a h-uile duine na aghaidh dha-rìribh," thuirt Isbeal NicCoinnich, a tha a' fuireach an Geàrrloch.

"Chan eil mi a' cluinntinn duine sam bith a tha ag ràdh gum bi e math," thuirt i.

Turasachd

Tha an t-ionad-glanaidh a th' ann an Geàrrloch an-dràsta a' cur uisge is òtrachas tro thrì ghlanaidhean mus tèid a chur a-mach gu muir.

Tha e ag obair le bhith a' cur an òtrachais tro mhembrane, a bheir gach bacteria agus bhìoras às an toiseach.

Thèid siostam gu tur eadar-dhealaichte a chur na àite ge-tà, gun an t-uisge a bhith air a ghlanadh chun na h-aon ìre, 's e ga sgaoileadh nas fhaide a-mach gu muir, agus tha Comhairle Coimhearsnachd a' bhaile ag ràdh nach bi e math gu leòr.

Tha droch amharas air muinntir na sgìre gur e gearradh air ais air cosgais as coireach.

"A bhith a' dol bho ionad-glanaidh an treas ìre, gu ionad-glanaidh le tanca septic mar a' phrìomh ghiollachd, 's e ceum air ais a th' ann," thuirt Rùnaire na Comhairle Coimhearsnachd, Fran Cree.

"Tha dragh air daoine mu an cuid slàinte, mu shlàinte na coimhearsnachd, mu shlàinte nan daoine a tha a' fuireach 's ag obair an seo," thuirt i.

Tha eagal air comhairle na coimhearsnachd gum bi pìosan òtrachais is nithean neo-ghlan gan sgaoileadh sa bhàgh.

Tha an Geàrr Loch cudromach a thaobh iasgaich, agus cuideachd do chnàmh-droma na h-eaconamaidh ionadail, turasachd, le tràighean brèagha a' tàladh nam mìltean gach bliadhna.

In-ionmhas

Tha gnìomhachas turasachd Gheàrrloch den bheachd gun tèid teisteanas glannaid ùr a tha iad a' sireadh airson a' chladaich 's na tràghad a dhiùltadh dhaibh ma thèid seo air adhart, 's tha iad air gearain ri SEPA.

Thuirt Uisge na h-Alba gu bheil an siostam a th' ann seann-fhasanta, 's gu bheil a là seachad.

Thuirt manaidsear sgìreil choimhearsnachd Uisge na h-Alba, Diane Burgess: "Tha Uisge na h-Alba a' cur airgid an sàs ann an leasachaidhean seirbheis air feadh na h-Alba - eadar bailtean mòra agus coimhearsnachdan iomallach, dùthchail leithid Gheàrrloch.

"Leigidh an t-in-ionmhas susbainnteach seo leinn earbsachd na seirbheis cudromach a tha sinn a' toirt do luchd-chleachdaidh ann an sgìre Gheàrrloch a leasachadh airson nam bliadhnaichean ri teachd, fhad 's a chuireas sinn ris an àrainneachd gu mòr.

"Tha a bhith ag èisteachd ris an luchd-cleachdaidh againn cudromach dhuinn, agus anns na mìosan a dh'fhalbh chùm sinn dà thachartas fiosrachaidh, agus bhruidhinn sinn ris a' chomhairle choimhearsnachd mun obair againn 's na bhios na lùib.

"Sgrùd sinn freagairtean a chuireadh thugainn an dèidh an iarrtais chead-dealbhachaidh againn, agus mheas sinn buaidh nan atharrachaidhean a tha gan cur air adhart airson an ionaid-ghlanaidh, agus airson leudachadh a thoirt air an às-shruth, agus faodaidh sinn dearbhadh gu bheil iad seo a' tighinn a rèir sònrachaidhean àrainneachail."