£500 ga iarraidh bho 500 neach
- Air fhoillseachadh

Chuir an fhèis Ceòlas iomairt air chois gus airgead a chruinneachadh airson togalaich ùir ann an Dalabrog an Uibhist a Deas.
Dh'iarradh iad £500 bho chòig cheud duine.
Tha Ceòlas agus Colaiste a' Chaisteil ag amas air ionad a chosgas £6m a thogail eatorra.
Ma gheibh iad £250,000 tron iomairt seo, bidh iad ann an suidheachadh nas fheàrr airson airgead a thrusadh bho bhuidhnean poblach.
Gaisgich
"'S e an t-ainm a th' againn air, Cnoc Soilleir," thuirt Cathraiche Cheòlais, Màiri NicAonaghais.
"Sin an làrach a tha sinn air a thaghadh far am bi an togalach ùr a tha a' dol a bhith eadar sinn fhèin agus Colaiste a' Chaisteil.
"Agus tha sinn a' tighinn chun na h-ìre a-niste far a bheil gnothaichean a' coimhead gu math dòchasach, agus tha sinn a' sireadh an airgid.
"Ach tha sinn a' tuigsinn gum feum sinn fhèin dearbhadh dhan a h-uile feadhainn eile gu bheil coimhearsnachd na Gàidhlig, coimhearsnachd Cheòlas, agus coimhearsnachd Uibhist, air cùlaibh seo.
"An dòigh as fheàrr a sheallas daoine sin 's e taic-airgid a chur ris.
"'S e a bhith nad "Ghaisgeach de Chnoc Soilleir" an dòigh.
"Tha sinn a' coimhea air £250,000. Nam faigheamaid 500 duine a bheireadh dhuinn £500, chan fheumamaid an còrr ach sin.
"'S e suim gu math mòr a th' ann an £250,000, ach tha sinn airson gun toir daoine dhuinn suimean airgid airson gun tig sin suas.
"Chan eil an iomairt a' dol a bhith fosgailte ach airson beagan mìosan. Eadar seo agus deireadh na bliadhna tha mi a' smaointinn.
"Tha sinn air leabhran beag a chur air dòigh, 's tha sinn a' sgaoileadh sin, agus tha e gu bhith air an làraich-lìn againn fon ainm An Cnoc Soilleir.
"Innsidh e mar as urrainn do dhaoine airgead a thoirt seachad.
"Chan eil dìreach ann ach an t-airgead a chur dhan bhanca.
"Agus cuideachd tha e ag innse mu dè na buanachdan a bhios ann.
"Bidh duine na bhall den iomairt. Bidh e na ghaisgeach ann an sùilean an fheadhainn a tha ga chur air adhart," thuirt i.