Sgeama haidro na Hearadh a' dol

  • Air fhoillseachadh
Bun Abhainn Eadar

Tha sgeama Haidro Bhun Abhainn Eadair aig Urras Ceann a Tuath na Hearadh a' dol mu dheireadh thall, às dèidh seachd bliadhna de dh'obair airson a chur air dòigh.

Chosg e £750,000 agus tha dòchas ann gum bi e comasach air dealan a chruthachadh airson leth-cheud bliadhna.

Ged nach bi uiread de bhuannachd ann sa chiad dol a-mach 's a bha dùil, tha cothrom aig an Urras earrainnean a bharrachd a ghabhail às dèidh còig bliadhna.

"A' dol air ais faisg air ceud bliadhna, bha sgeama haidro an seo nuair a bha stèisean nam mucan-mara a' dol," thuirt Calum MacAoidh bhon Urras.

Maoineachadh

"Agus chì sinn fathast gu bheil na pìoban ann a bha iad a' toirt a' bhùirn a-nuas bhon dàm chun an stèisein fhèin.

"Bha sinn a' coimhead airson làraich a bhiodh freagarrach airson cumhachd a thoirt bhon uisge, agus smaoinich sinn gur e seo àite a bhiodh air leth math air a shon.

"Thòisich sinn o chionn ghrunn bhliadhnaichean a' rannsachadh nan cùisean, agus a' feuchainn ri airgead a thional air a shon.

"Mu dheireadh thall tha e air tachairt.

"Feumaidh mi a ràdh nach eil a' choimhearsnachd fhèin a' faighinn an t-uabhas airgid às aig an dearbh àm a tha seo, bhon chann fhaigheadh an t-Urras an t-airgead a bha a dhìth oirnn airson an sgeama a dhèanamh sinn fhèin.

"Agus mar sin 's e companaidh bhon taobh a-muigh a thug sinn a-steach, agus a tha a' ruith nan cùisean, agus chan eil sinne ach a' faighinn dìreach airgid airson na làraich aig an àm a tha seo.

"Ach tha cothrom againn anns na bliadhnaichean a tha romhainn ceannach a-steach ann agus 's dòcha barrachd smachd a bhith againn air an àite fhèin.

"Tha diofar rudan a tha nan cnapan-starra dhuinn.

"Anns a' chiad dol-a-mach chan eil comas againn an t-uabhas chumhachd a chur air a' ghriod a th' againn an-dràsta, agus mar sin tha sinn air ar cuingealachadh le dè na 's urrainn dhuinn a chruthachadh de dhealan co-dhiù.

"Ach cuideachd tha e doirbh airgead maoineachaidh fhaighinn airson sgeamaichean den t-seòrsa seo a chur air adhart.

"Agus cuideachd tha an t-airgead a tha thu a' faighinn air ais ag atharrachadh bho àm gu àm.

"Nuair a thòisich sinne a' bruidhinn air seo, bha thu a' faighinn tòrr a bharrachd de dh'airgead air ais bhon Riaghaltas - rud ris an can iad feed-in tarrifs - na tha thu a' faighinn an-diugh.

"Agus mar sin tha e gu math doirbh sgeamaichean den t-seòrsa seo, no sgeamaichean ath-nuadhachail a chur air adhart aig an àm a tha seo.

"Ach tha e math gu bheil e a' tachairt. Tha e math airson na coimhearsnachd, dìreach a' faicinn gu bheil rudan às ùr a' tachairt.

"Agus tha sinn a' faighinn beagan airgid a-steach an-dràsta, ach 's dòcha anns na bliadhnaichean a tha romhainn gum faigh sinn tuilleadh airgid a-steach bho sgeamaichean beaga den t-seòrsa seo," thuirt e.