Soidhne
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu shiostam òtrachais an Geàrrloch

11 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha muinntir Gheàrrloch a' cumail a-mach gun tèid turasachd a sgrios anns an sgìre air sgàth siostam òtrachais ùr a tha Uisge na h-Alba a' cuir an-sàs.

Tha iad ag ràdh gum biodh uisge nach robh air a ghlanadh ceart a' gànrachadh nan tràighean aca.

Ach a-rèir Uisge na h-Alba tha an aon seòrsa siostam ag obrachadh ann an àiteachan eile.

Seo Dòmhnall Moireasdan.