Teann aig a' mhullach

Ball

Tha gnothaichean fhathast glè theann aig bàrr Lìog Leòdhais is na Hearadh is na sgiobaidhean aig a' mhullach uile a' buannachadh oidhche Luain.

Às dèidh dhaibh seachd a chur seachad air Nis an t-seachdain seo chaidh, bha luchd-aghaidh an Rubha trang a-rithist is iad a' soirbheachadh 5-1 an aghaidh Athletic Steòrnabhaigh.

B' e geama faisg a bha seo ge-tà, 1-1 aig lethach ùine, mus d' fhuair an Rubha làmh an uachdair san dàrna leth is Ally MacÌomhair as motha a' dèanamh sgrios air Aths le trì de na tadhail.

Tha na Lochan còmhla ris an Rubha aig bàrr na lìge às dèidh dhaibh droinneadh a thoirt air United 9-1, Raibeart MacCoinnich le trì sa gheama sin.

Droch oidhche

Cha b' e oidhche ro mhath a bh' ann dha sgiobaidhean Steòrnabhaigh.

Tha an Taobh Siar san treas àite, dà phuing air cùl an Rubha is na Lochan, às dèidh dhaibh buannachadh an aghaidh Nis.

Bha an Taobh Siar air thoiseach 1-0 aig leathach ùine tro Dhonnchadh MacIlleathain.

Chaill iad cothrom a dhol gu 2-0 tràth san dàrna leth le breab-peanais a shàbhail fear-glèidhidh Nis, Alasdair Moireach, is goirid às dèidh sin bha Nis co-ionnan le OG bho Eòghann Shirkie.

Tadhail

Thog an Taobh Siar an geama aca le trì tadhail eile, breab-peanais bho Mhàrtainn Shields nam measg, is an geama a' crìochnachadh 4-1.

Chaidh Seumas 'Titch' Moireasdan aig Nis a thoirt dhan ospadal faisg air deireadh a' chiad leth, is bithear an dòchas nach eil e air dhroch-ghoirteachadh.

Sa gheama eile oidhche Luain, rinn Càrlabhagh an gnothach air a' Bhac 1-0.

Thàinig an tadhal anmoch sa gheama le breab-peanais bho Dhòmhnall MacAoidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile