Caisteal Leòdhais fosgailte Diardaoin

Caisteal Leòdhais
Image caption Fosglaidh an taigh-òsta ùr a tha cuideachd na phàirt den chaisteal, san Dùbhlachd.

Fosglaidh Caisteal Leòdhais dhan phoball Diardaoin às dèidh bhliadhnaichean de dh'obair air chosgais mhòir.

Bidh an taigh-tasgaidh agus àite-bidhe a' fosgladh Diardaoin, agus dùil gum bi an taigh-òsta a tha san togalach cuideachd a bhith deiseil anns an Dùbhlachd.

Bidh cuid de dh'Fhir-thàileisg Leòdhais, a tha air iasad maireannach bho Thaigh-tasgaidh Bhreatainn, mar phàirt den taisbeanadh anns an taigh-tasgaidh.

"Seo aon de na pròiseactan as motha a tha riamh air tachairt anns na h-Eileanan Siar," thuirt Stiùiriche Leasachaidh Comhairle nan Eilean Siar, Calum Iain MacÌomhair.

"Pròiseact aig a' mheud seo, tha duilgheadasan gu bhith ann.

"Ach tha a' Chomhairle an dèis dèanamh obair mhòir airson faighinn tarsainn air na duilgheadasan seo.

"Nuair a thig daoine a-steach, chan fhaic iad duilgheadasan. Chì iad rudan math. Chì iad rudan inntinneach. Chì iad rudan mu dheidhinn na coimhearsnachd, agus chì iad iad fhèin air an samhlachadh air ais anns an taigh-tasgaidh.

"So duilgheadasan, tha sin air ar cùlaibh. Chan eil againn ach rudan math air ar beulaibh a-nis san ionad ùr seo," thuirt e.