Fèis Cheilteach Innse Gall

HebCeltFest

Tha Steòrnabhagh ag ullachadh airson na seachdain as trainge den bhliadhna.

Tha na mìltean dhaoine bho air feadh an t-saoghail a' deànamh air Leòdhas airson Fèis Cheilteach Innse Gall.

Tha obair-deasachaidh air tòiseachadh mar thà, agus an fhèis chiùil a' tòiseachadh Diardaoin.

Tha Fèis Cheilteach Innse Gall air a bhith a' dol a-nis son 21 bhliadhna, agus am-bliadhna tha iad an dùil iomadh clàr a bhriseadh agus RunRig gu bhith a' nochdadh air an àrd-ùrlar.

Am measg nan còmhlan a bhios a' cluiche eadar Diardaoin agus Disathairne tha na Red Hot Chilli Pipers agus Hayseed Dixie.

Chaidh na tiocaidean gu lèir airson Dihaoine agus Disathairne a reic bho chionn fhada, le àireamh bheag de thiocaidean fhathast ri fhaotainn 'son Diardaoin.

Le àireamhan luchd-turais a tha a' tadhal air an eilean gu ruige seo gu math àrd am-bliadhna, tha spionnadh a bharrachd gu bhith ann Dihaoine agus dùil ri còig soithichean luchd-turais ann an Steòrnabhagh.