Cobhair air deugaire an Eilean Rùim

Dealbhan bho heileacoptair nam Maor-Cladaich Image copyright MCA

Chaidh deugaire à Nirribhidh a chaidh a dhìth air Eilean Rùim a lorg slàn sàbhailte.

Cha do thill e gu theaghlach mar a bha còir às dèidh dha a bhith a' coiseachd oidhche Dhòmhnaich.

Chaidh luchd-teasargainn a-mach ga lorg, ach cha deach fhaicinn gu madainn Diluain, nuair a chunnaic buidheann de dhaoine ann an caidheagan e, agus e faisg air creagan.

Dh'innis iadsan do chriutha bhàt-iasgaich, agus chuir iadsan fios air na seirbheisean èiginneach.

Chaidh a thogail le heileacoptair teasargainn Steòrnabhaigh.