Fireannach ìosal an dèidh tubaiste

  • Air fhoillseachadh

Tha fireannach ìosal san ospadal an dèidh tubaist-rathaid ann an Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath.

Thuirt Poilis na h-Alba gun do thachair an tubaist mu 9:30f Diluain, air iomall a' tuath a' bhaile air an A865.

Chaidh am fireannach, a tha na 30an, a thogail chun an ospadail ann an Glaschu.

Dh'innis na Poilis gur esan a-mhàin a bh' anns a' charbad Volkswagen Passat, agus nach robh carbad eile an sàs.

Chaidh an rathad aig an làraich a dhùnadh, agus rannsachadh a' leantainn.