Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Prìomhaire

Fàgaidh Dàibhidh Camshron a dhreuchd mar phrìomhaire feasgar an-diugh an dèidh sia bliadhna san obair nuair a thèid e a choimhead air a' Bhànrigh aig Lùchairt Bhuckingham. Gabhaidh Theresa May an dreuchd an dèidh sin, agus tòisichidh ise ag ainmeachadh a caibineit ùir ro dheireadh an là. Tha fathannan ann gum bi Rùnaire Leasachaidh Eadar-Nàiseanta an-dràsta, Justine Greening, am measg na gheibh na dreuchdan as àirde san Riaghaltas.

Na Làbaraich

Thàinig dearbhadh bho sheann Rùnaire Dùbhlain na h-Obrach 's nam Peinnsean, Owen Mac a' Ghobhainn, gu bheil e a' seasamh airson ceannas a' Phàrtaidh Làbaraich. Aig an ìre seo chan eil ach esan agus Angela Eagle a' seasamh an aghaidh Jeremy Corbyn.

Gibraltar is Alba

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a' coinneachadh ann an Lunnainn ri Àrd-Mhinistear Gibraltar, Fabian Picrado, 's iad a' deasbad cheanglaichean ris an Aonadh Eòrpach a ghlèidheadh an dèidh na bhòt airson Breatainn falbh às an AE. Bhòt Gibraltar, coltach ri Alba, airson fuireach anns an aonadh. Bha coinneamh aig Ms Sturgeon sa mhadainn ri Riaghladair Bhanca Shasainn, Mark Carney, far an do bhruidhinn iad air a' bhuaidh eaconamaich an dèidh an referendum.

Bàta-slaodaidh

Thuirt Ball Arcaibh is Shealtainn ann am Pàrlamaid Westminster, Alasdair MacIlleMhìcheil, gun deach innse dhasan gun tèid tug nam Maor-Cladaich fhàgail ann an Alba làn-ùine. Tha an Heracles, a tha stèidhichte an Arcaibh, air tè de na ceithir bàtaichean-slaodaidh èiginneach a th' air fhàgail ann am Breatainn. Chaidh glèidheadh air an Heracles na h-uimhir de thursan ron an seo, ged a chaidh plana fhoillseachadh bho chionn sia bliadhna airson faighinn cuidhteas iad uile.

CnES Brexit

Caillidh Comhairle nan Eilean Siar còrr is £5m a h-uile bliadhna nuair a dh'fhàgas Breatainn an t-Aonadh Eòrpach. Chan eil sin a' gabhail suim de thaic-airgid eile a thigeadh an cois an airgid sin, no taic do chroitearachd no buidhnean saor-thoileach. Thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gum feum iad strì mhòr a dhèanamh airson airgead a' cheart cho mòr fhaighinn bho riaghaltasan Bhreatainn agus na h-Alba.

Tuath-gaoithe Steòrnabhaigh

Thuirt a' chompanaidh a th' air cùlaibh tuath-gaoithe Steòrnabhaigh gum faodadh buanachd cho mòr ri £900,000 a bhith ann dhan choimhearsnachd. Tha iad air toradh co-chomhairleachaidh fhoillseachadh air ciamar a dh'fhaodar an t-airgead a chur gu feum, agus tha mòran airson a chosg air cumail dhaoine òga san eilean, agus air goireasan spòrs is carthannas.