Fiosrachadh ga iarraidh mu thubaist-rathaid

Rinn na Poilis tagradh eile airson fiosrachaidh co-cheangailte ri tubaist-rathaid ann an Uibhist a Tuath a dh'fhàg fireannach ìosal ach seasmhach san ospadal.

Thachair an tubaist mu 9:30f Diluain air iomall a tuath Loch nam Madadh.

Chaidh am fireannach, a tha na 30an, a sgèith chun an ospadail ann an Glaschu.

Cha robh ach e fhèin am broinn a' chàr Volkswagen Passatt, agus cha robh carbad sam bith eile an sàs.

Chaidh an rathad ath-fhosgladh aig 8:30f Dimàirt.

Thuirt na Poilis gu bheil oifigearan a' leantainn orra a' rannsachadh na thachair, 's dh'iarr iad air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu na thachair bruidhinn riutha.

Tuilleadh air an sgeulachd seo