Cupanan a' faighinn prìomhachas

  • Air fhoillseachadh
Caman

Thig soilleireachadh air cò bhios san iar chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd air an deireadh-sheachdain.

Cluichidh a' Mhanachainn is Ceann Loch Seile a-rithist às dèidh dhaibh crìochnachadh 1-1 sa Chlachan Aillseach an t-seachdain seo chaidh.

Bha gu leòr a' sùileachadh gun dèanadh Ceann Loch Seile an gnothach sa gheama ud ach chaidh a' Mhanachainn air thoiseach tràth, is gu dearbh bha cothrom aca an geama a bhuannachadh anns na dìogan mu dheireadh.

Dh'fhaodadh fhathast gum bi aithreachas air Ceann Loch Seile nach do bhuannaich iad an geama an uairisin or tha a' Mhanachainn buailteach a bhith làidir aig an taigh, agus ann an Jack Dòmhnallach tha fear-aghaidh aca a tha cho math ri duine ann an Alba nuair a tha e ann an sunnd.

Bidh an sgioba a nì a' chùis an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh san iar chuairt dheireannaich.

Fàilte

Cuiridh Loch Abar fàilte air Caol Bhòid Disathairne is Camanachd an Òbain a' feitheamh air an sgioba a thig troimhe.

Chan ann tric nach dèan Caol Bhòid a' chùis aig an taigh ann an Cupa na Camanachd ach 's e sin a thachair an t-seachdain seo chaidh, is gu dearbh bha Loch Abar air thoiseach dà thuras sa gheama mus an do chrìochnaich e 2-2.

A bheil Loch Abar a-nise làidir gu leòr an obair a chrìochnachadh aig an taigh? Chì sinn Disathairne.

Fhad 's a tha na sgiobaidhean sin a' strì 'son aite san iar chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd, bidh cuairt dheireannach Chupa a' Bhaile Mhòir a' dol air adhart ann an Druim na Drochaid.

Tha làmh an uachdair aig Cill Mhàillidh a' dol a-steach dhan gheama seo is iad gun chall san lìog thuige seo, is air eagal am beatha a chur air Camanachd an Òbain an t-seachdain seo chaidh ann an Cupa na Camanachd.

Dòchas

Chan eil sgioba eile air Cupa a' Bhaile Mhòir a bhuannachadh nas trice na Cabair Fèidh, ge-tà, is bheir sin dòchas dha sgioba Shrath Pheofhair.

Sa Phrìomh Lìog feuchaidh na Sgitheanaich a-rithist dà phuing a thogail 'son a' chiad uair am-bliadhna, ged a tha dùbhlan mòr man coinneamh is Baile Ùr an t-Slèibh a' tighinn a Phort Rìgh.

Chaill na h-eileanaich 4-2 ris an dearbh sgioba ann am Bàideanach an t-seachdain seo chaidh.

Tillidh Gilleasbuig MacDhòmhnaill dhan sguad an t-seachdain seo, is tha iad an dòchas gum bi Chris MacIllinnein air ais cuideachd às dèidh dha a chorrag a bhristeadh bho chionn beagan sheachdainean.

Bidh dà gheama eile sa Phrìomh Lìog agus Lòbhat a' dol dhan Ghearasdan is Camanachd an Òbain a' tadhal air Ceann a' Ghiuthsaich.

Fèis Chèilteach

'S e là mòr a bhios ann 'son iomain anns na h-Eileanan an Iar cuideachd le Cupa Iomain Fèis Cheilteach Innse Gall a' dol air adhart ann an Steòrnabhagh, an deicheamh bliadhna den fharpais.

Bidh an geama sin ann a-nise air a' phàirce phlastaig air Smith Avenue is Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh nach eil Ceann a' Bhàigh - a' phàirc far am bi an geama mar as trice is a' phàirc a bha Camanachd Leòdhais air a cur air dòigh - ann an staid math gu leòr an-dràsta.

Tha sin na bhristeadh-dùil dha Camanachd Leòdhais, ach tha iad a' gealltainn là làn spòrs is iomain aig àrd ìre aig Smith Avenue.

Tòisichidh gnothaichean aig 11.00m le geamaichean òigridh is geama nam ban, is an uairsin geama nam fear aig 2.00f.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh