"Cumhachdan a' Chrùin do na h-eileanan gun dàil"

  • Air fhoillseachadh
Na HearadhTùs an deilbh, Tom Pullman/Geograph

Bu chòir do sgìrean eileanach na h-Alba uallach a ghabhal airson chumhachdan Oighreachd a' Chrùin cho luath 's a thig iad a dh'Alba an ath-bhliadhna, a rèir na buidhne Ar n-Eileanan ri Teachd.

Tha a' bhuidheann air a bhith a' riochdachadh nan Comhairlean eileanach ann an còmhraidhean leis an Riaghaltas.

Dh'ainmich Riaghaltas na h-Alba co-chomhairle airson buidheann a stèidheachadh gu h-eadar-amail airson uallach nan cumhachdan a làimhseachadh.

Tha Ar n-Eileanan ri Teachd ag ràdh nach eil adhbhar sam bith nach b' urrainn dhaibhsan sin a dhèanamh, gu h-àraid ma 's e an t-amas san ùine fhada na cumhachdan a thoirt do na h-ùghdarrasan ionadail.

Chuir a' bhuidheann moladh foirmeil gu Pàrlamaid na h-Alba airson buidheann eileanach eadar-amail a stèidheachadh.

Thathas a' tuigsinn gu bheil oifigich an Riaghaltais co-dhiù deònach sùil a thoirt air a' mholadh.

Thuirt Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gur e fìor-chothrom a th' ann do Riaghaltas na h-Alba sealltainn gu bheil iad da-rìribh nam prionnsabal airson barrachd chumhachdan is chothroman a thoirt do choimhearsnachdan ionadail.

Mairidh a' cho-chomhairle airson buidheann ùr eadar-amail a stèidheachadh, gu deireadh an Lùnastail.