Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Caibineat

Chaill Mìcheal Gove a dhreuchd mar Rùnaire a' Cheartais, agus am Prìomhaire Theresa May a' cur a dreach fhèin air a' Chaibineat. Rinn a' Bh.Ph. May a' chùis air Mgr Gove ann an taghadh a' Cheannaird Thòraidhich. Agus chaill Rùnaire an Fhoghlaim, Nicky Morgan, agus Rùnaire a' Chultair, John Whittingdale, na dreuchdan sin anns a' Chaibineat.

Alba 's an AE

Thuirt an Seansalair, Phillip Hammond, nach eil esan a' faicinn dòigh air am bi càirdeas eadar-dhealaichte aig Alba seach an còrr den Rìoghachd Aonaichte ris an Aonadh Eòrpach. Thuirt Mgr Hammond an-diugh gur e fuireach san Rìoghachd Aonaichte as fheàrr do dh'Alba. Thuirt e cuideachd nach eil plana sam bith ann airson Formula Barnett, a tha a' tomhas roinn na h-Alba den airgead phoblach atharrachadh. Thuirt Mgr Hammond gur e siostam a th' ann a th' air a bhith ag obair gu math bho chionn iomadh bliadhna, ged a tha e air a bhith ga chàineadh rona seo.

Ìre an Rèidh

Tha Mgr Hammond a' coinneachadh ri Riaghladair Bhanca Shasainn, Mark Carney sa mhadainn an-diugh, le dùil gun innis am banca tràth feasgar gu bheil iad a' gearradh an rèidh dhan ìre as lugha riamh, gu 0.25% - rud a tha iad an dòchas a bheir brosnachadh air an eaconamaidh.

Sochairean

Tòisichidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an-diugh air a' chiad cheum gu ruige smachd air sochairean a ghluasad gu Pàrlamaid na h-Alba. Tha sin a' ciallachadh gum bi cead aig Holyrood an dreach fhèin a chur air siostam nan sochairean, agus sochairean ùra a chruthachadh.

Oighreachd a' Chrùin

Thuirt a' bhuidheann Ar n-Eileanan Ri Teachd, caidreachas a tha ag iarraidh tuilleadh chumhachdan dha na sgìrean eileanach, gum bu chòir smachd a thoirt dhaibh air Oighreachd a' Chrùin nuair a thig an cumhachd sin a dh'Alba an ath-bhliadhna. Thuirt iad, gus an tèid siostam cunbhallach ùr a dhealbh, gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba na cumhachdan, agus rianachd orra, a thoirt dha na h-eileanan.

Coimisean na Croitearachd

Tha croitearan an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich ag ràdh gur e cur às do Choimisean na Croitearachd agus crathadh bunaiteach an cois sin an t-slighe air adhart. Tha Comataidh Chùl Chinn Shlèite ag ràdh gu bheil an siostam a th' ann an-dràsta air faileachadh, agus tha iad a' moladh siostaim far am biodh croitearan a' cumail smachd air na riaghailtean iad fhèin. Cha tuirt Riaghaltas na h-Alba ach gu bheil iad ag amas air atharrachadh agus ùrachadh a thoirt air laghan croitearachd.