"Ceum air slighe" gu bàta-slaodaidh

Bàt-slaodaidh

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nach eil bàta-slaodaidh a bhith stèidhichte an an ceann a tuath na h-Alba ach na cheum air an t-slighe gu tè fhaighinn sa Chuan Sgìth cuideachd.

Dh'innis Riaghaltas Westminster gum biodh an soitheach stèidhichte ann an Arcaibh còig bliadhna eile, ach tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil an aon chunnart ann bho bhàtaichean ann an èiginn air costa an iar na h-Alba.

"Tha an MCA (Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich) fhèin a' gabhail ris, agus an Riaghaltas a' gabhail ris, a thaobh a' mheasaidh a rinn an MCA iad fhèin, agus a thaobh a' mheasaidh neo-eisimeilich a chaidh a dhèanamh, tha iad a' gabhail ris nach fhiach e an cunnart a tha sin gun bàta-slaodaidh a bhith ann, no gun chomas bhàta-slaodaidh ann," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Chan eil sinne a' bruidhinn fiù 's air aon bhàta-slaodaidh, ach dìreach comas bhàta-saodaidh a bhith ann aig tuath agus aig an iar.

"'S e an dòigh as fheàrr air sin a dhèanamh, 's e le dà bhàta a bhith ann - 's dòcha le comasan eadar-dhealaichte - ach gum feum iad a bhith èifeachdach aig an aon àm," thuirt e.