Croitearan Uibhist draghail mu Bhrexit

Uibhist Image copyright Hazel Smith

Tha dragh ann an Uibhist gum faodadh Brexit buaidh nas motha agus nas miosa a thoirt orra leis cho cudromach 's a tha croitearachd dhan eaconamaidh aca.

Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath, Uisdean Robasdan, gu bheil na h-uimhir de dhaoine air fios a chur air mun t-suidheachadh agus gun deach litir gu Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing.

"Mar a tha sinn ann an Uibhist, 's e talamh math dha-rìribh a th' ann - gu h-àraid taobh an iar Uibhist uile," thuirt Mgr Robasdan.

"Agus tha tòrr dhaoine a tha a' dèanamh croitearachd ann an seo làn-ùine.

Call

"Agus mar sin, tha airgead mòr Eòrpach a' tighinn a-steach dhan sgìre.

"Tha sinn a' cluinntinn gu bheil seo sàbhailte gu leòr airson bliadhna no dhà, ach chan eil an Riaghaltas ann an Westminster air a bhith uabhasach taiceil do chroitearachd sna bliadhnaichean a chaidh seachad.

"Mar sin, tha feadhainn a th' air cosgais mhòr a chur a-mach a dhèanamh leasachaidh, a' faighinn innealan, stoc, rudan mar sin, tha iad gu math draghail dè tha romhpa sna beagan bhliadhnaichean a tha romhainn.

"Tha am Ball-Pàrlamaid Albannach, Alasdair Allan, air sgrìobhadh gu Fearghas Ewing, agus e air grunn cheistean fhaighneachd timcheall air seo.

"Tha fhios againn nach eil 's dòcha freagairt mionaideach aig an Riaghaltas fhathast, ach bha sinn airson aig an ìre seo a dhèanamh cinnteach gun robh fhios aig a' mhinistear mu na draghan a bh' oirnn ann an Uibhist air a' chuspair seo.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil uaireannan na rudan a tha a' bualadh nas motha air Uibhist air an call uaireannan an lùib chuspairean anns na h-Eileanan Siar anns an fharsainneachd.

"Mar sin bha sinn airson a bhith cinnteach, an cuspair a thogail aig toiseach-tòiseachdainn, 's a ràdh tha dragh oirnn mu dheidhinn seo, agus tha sinn airson fhaighinn a-mach dè a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig seo oirnn sna bliadhnaichean a tha romhainn.

"Tha mi fhèin air sgrìobhadh cuideachd gu seirbheiseach catharra ann an Dùn Èideann, 's tha mi air sgrìobhadh gu Caidreachas na Croitearachd fhèin, 's tha mi air fònadh chun a' Choimisein - ged nach e rud a th' ann a tha iadsan 's dòcha gu mòr an sàs ann.

"Ach tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhuinn a dhèanamh cinnteach gu bheil a h-uile buidheann a tha an sàs ag obrachadh airson maith nan croitearan, agus a' feuchainn ri mìneachadh fhaighinn dè dh'fhaodadh tachairt sna bliadhnaichean a tha romhainn, agus a dhèanamh gu math cinnteach gu bheil a' cheist a tha seo a' cur dragh air daoine, agus gu bheil sinn a' coimhead airson freagairtean cho luath 's is urrainn co-dhiù," thuirt e.