Casaidean feise air neach-cùraim

  • Air fhoillseachadh
Prìomh oifis an SSSCTùs an deilbh, Google

Thèid sgrùdadh smachdachaidh a dhèanamh air neach-obrach aig ionad-trèanaidh do dhaoine le feumalachdan ionnsachaidh air Ghàidhealtachd a tha fo chasaid gun robh e ri "dol-a-mach feise" ri neach-còmhnaidh.

Thèid Dàibhidh Cunningham mu choinneimh èisteachd aig Comhairle Albannach nan Seirbheisean Sòisealta, (SSSC) mu na casaidean.

Thathas a' fàgail air gun do chuir e boireannach (nach ainmichear) "ann an cunnart" aig loidse air a' Bhlàr Dhubh sa Ghearran 2015.

Thèid èisteachd aig ìre fo-chomataidh a chumail an ath-sheachdain.

Tha Mgr Cunningham fo chasaid, fhad 's a bha e ag obair mar neach-obrach còmhnaidh aig Nansen Highland, gun do dh'innis e don bhoireannach a dhol don leabaidh aice, 's an uair sin gun do laigh e sìos ri a taobh.

Thathas a' fàgail air an uair sin gun do làimhsich 's gun do phòg e am boireannach, mu do dh'fhaighnich e dhith: "An do chòrd sin riut?"

"Ann a bhith a' dèanamh sin, bha thu ri dol-a-mach feise le neach-cleachdaidh seirbheis, agus gun do rinn thu cron air/ no gun do chuir thu am boireannach ann an cunnart," a rèir fhaclan na casaid.

Tòisichidh an èisteachd, a mhaireas ceithir làithean, aig prìomh oifisean SSSC ann an Dùn Dè air 26mh an t-Iuchar.

Ma thèid Mgr Cunningham fhaighinn ciontach, 's e am peanas as motha a dh'fhaodadh a dhol air gun tèid ainm a thoirt far chlàr an luchd-obrach cùraim cheadaichte.

Bidh Nansen Highland a' ruith ionadan-trèanaidh agus còmhnaidh san Eilean Dubh gus taic a thoirt do dh'inbhich òga aig a bheil feumalachdan ionnsachaidh.