BBC ALBA "ann an cunnart"

  • Air fhoillseachadh
Magaidh Choinneagan agus Dàibhidh Mundell

Dh'fhaodadh BBC ALBA a bhith ann an cunnart mura faigh MG ALBA taic a bharrachd gus prògraman ùra a leasachadh.

Tha am beachd air tighinn bho chathraiche MG ALBA, Magaidh Choinneagan, às dèidh coinneimh ann an Lunnainn oidhche Luain far an robh iad a' coiteachadh luchd-poileataigs airson dùblachadh anns na tha iad a' faighinn de phrògraman ùra gach seachdain bhon BhBC.

Tha MG ALBA ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh air a' BhBC deich uairean de phrògraman ùra a thoirt seachad gach seachdain, seach 4.2 mar a tha an-dràsta, agus gum bu chòir seo a bhith air a sgrìobhadh ann an Cairt Rìoghail ùr a' BhBC.

"'S e an t-adhbhar a tha sinn an seo a-nochd, 's ann gu sònraichte airson bruidhinn ris na Buill-Phàrlamaid ach' an cuir iadsan taic ris an iomairt a th' againn airson deich uairean de thìde san t-seachdain fhaighinn on BhBC - sin a dhà uiread 's a th' againn an-dràsta," thuirt a' Bh.Ph. Choinneagan.

A' Chuimrigh

"Ach chan eil mòran ann nuair a smaoinicheas tu air na h-uairean de thìde a tha am BBC a' dèanamh air feadh an t-saoghail, agus air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

"Tha sinn ag iarraidh co-ionnanachd chun na h-ìre agus a tha deich uairean de thìde san t-seachdain air a bhith aig na Cuimrich airson còrr air 25 bliadhna.

"Tha sinn dìreach ag iarraidh sin.

"Chan eil sinn ag iarraidh na tha de dh'airgead aig S4C. Ach tha sinn ag iarraidh nan deich uairean de thìde a tha sin.

"'S e rud a tha gu math cudromach dhuinne nach eil càil againn ann an riaghladh no ann an lagh a tha a' toirt buaidh agus bunait do BhBC ALBA.

"Chan eil againn dìreach ach aonta eadar am BBC agus sinne aig MG ALBA.

"Tha cus a bharrachd air sin aig a' Chuimrigh. Tha S4C air a dhìon ann an lagh.

"So tha sinn ag iarraidh gum bi dìon air BBC ALBA anns a' Chairt Rìoghail, agus cuideachd gun tig adhartas agus tuilleadh buannachd bhon BhBC dhan t-seirbheis a tha sinn a' toirt seachad.

"Tha mise a' smaoineachadh gu bheil an sianal ann an cunnart - agus 's e an cunnart as motha a th' ann, gun sguir na Gàidheil a' coimhead an t-sianail.

"Oir aig a' cheann thall, mura h-eil càil a tha ùr, agus tlachdmhor agus taitneach mun coinneimh, carson a tha iad a' dol a chumail prògraman a tha iad air fhaicinn deich tursan, fichead turas 's dòcha?

"Agus mar sin, 's e an t-seirbheis do na Gàidheil an rud as cudromaiche dhuinne, agus 's e sin an rud as motha a th' ann an cunnart tha mise a' smaoineachadh - agus cuideachd foighdinn ar luchd-amhairc," thuirt i.

Cùmhnant

Tha am BBC ann an Alba ag ràdh gun tug iad freagairt do phàipear gheal Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air a' Chairt Rìoghail bho chionn dà mhìos.

Thuirt iad gun do chuir iad grunn mholaidhean air adhart gus cur ris na seirbheisean aca air fad ann an Alba, is iad aig an aon àm ag aithneachadh gum bi aca ri sàbhalaidhan cha-mhòr 20% a dhèanamh anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

Thuirt iad gun tèid tuilleadh fiosrachaidh mu na planaichean aca air feadh na Rìoghachd Aonaichte san àm ri teachd fhoillseachadh anns na mìosan a tha romhainn agus gun dearbh iad an uair sin càite an urrainn dhaibh an tuilleadh airgid a chosg.

"Mar a bhiodh dùil agad tha MG ALBA agus luchd-obrach ann am BBC ALBA a' sireadh leudachadh air an t-sianal," thuirt Stiùiriche a' BhBC ann an Alba, Coinneach MacGuaire.

"Tha iad air fianais a chruinneachadh air feadh na dùthcha, agus tha iad air sin a chur mu choinneimh a' BhBC.

"Ach an-dràsta tha ar cùmhnant a' dol air adhart, agus tha sinn ag èisteachd ris na diofar bhuidhnean a tha a' cur air adhart tagradh, agus aig deireadh an là feumaidh sinn an rud as luachmhoire as urrainn dhuinn a dhèanamh a thabhann dhan luchd-èisteachd agus an luchd-amhairc, a rèir na th' againn de dh'airgead air taobh a-staigh an t-seòrsa stèidh a th'againn an-dràsta," thuirt e.