Cònaichean rathaid an A9 gan dumpadh san Artaig

Mathan-bàn le còna-trafaig Image copyright RZSS/Transport Scotland
Image caption Mathan-bàn a' sadail còna-trafaig gu lochan sa chrò aige.

Thug companaidh a tha ag obair a' leudachadh earrainn den A9 ann an Srath Spè còrr air 50 còna trafaig seachad do Phàirce Fiadh-Bheatha na Gàidhealtachd ann an Ceann na Creige.

Bha Wills Bros Joh Paul JV a' sireadh dòigh ionmhalta air am faigheadh iad cuidhteas de chònaichean a bh' air am briseadh, no air nach robh feum aca.

Tha mathain agus tìgearan na pàirce air a bhith a' cluiche le seann chònaichean agus adan cruaidh bho làraichean togail bho chionn beagan bhliadhnaichean.

Faodar biadh a stopadh ann an cònaichean trafaig, a' fàgail nam beathaichean ri obrachadh a-mach mar a gheibh iad grèim air.

Image copyright RZSS/Transport Scotland

Tha trì mathain-bhàna aig a' phàirce, air a bheil Walker, Arktos agus Victoria.

Tha iad air am faicinn a' tilgeil nan cònaichean suas dhan adhair, agus a' falach rudan annta.

Tha damhan-musgach na pàirce cuideachd air tiodhlac fhaighinn de sheann phìoban drèanaidh phlastaig on làraich, agus tha iadsan air a bhith gam bualadh le an cinn 's a' toirt orra rollaigeadh.

Fhuair a' phàirce cuideachd geugan a chaidh a ghearradh far chraobhan a bha san rathad air an rathad ùr, mar bhiadh do chuid de na beathaichean aca.