Comataidhean ionadail croitearachd gam moladh

  • Air fhoillseachadh
Fearann

Feumaidh atharrachadh mòr a thighinn air Coimisean na Croitearachd agus dh'fhaodadh gum bu chòir cur às dhan bhuidhinn air a' cheann thall, a rèir fhir a bha roimhe na choimiseanair.

Bha Ruairidh Moireach a' bruidhinn agus comataidhean ionaltraidh Shlèite air a ràdh an t-seachdain seo chaidh gum bu chòir cuidhteas fhaighinn den bhuidhinn agus Achd ùr a chur an gnìomh.

Tha Mgr Moireach den bheachd gum bu chòir comataidhean aig ìre ionadail a chur air chois.

"Tha e follaiseach nach eil an Coimisean ag obrachadh mar a bu chòir dha," thuirt e.

Cunntas

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum atharrachadh mòr a thighinn air, 's maithte gur e cur às dha a bhios ann air a' cheann thall.

"Ach feumaidh atharrachaidhean gu cinnteach a thighinn air a' Choimisean.

"Bhon, chan eil càil a dh'fhios againn a-nise cò dha a tha an Coimisean a' toirt cunntais.

"Ged is e croitearan a tha gan cur ann an dreuchd - tha cothrom bhòtaidh aig croitearan a-nise air cò a bhios nan Coimiseanair - aig deireadh an là chan eil smachd sam bith aig na croitearan air dè tha iad a' dèanamh no dè an dòigh a tha iad a' riaghladh na croitearachd, no mar a tha iad gan giùlain fhèin.

"Agus mar sin dheth, tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir sùil mhionaideach a thoirt air sin.

"Tha sinn a' tuigsinn cuideachd nach eil mòran chumhachd aig na ministearan fhèin air dè mar a tha iad air an ruith, agus gu bheil iad glè mhòr an urra riutha fhèin.

"Feumaidh sin atharrachadh," thuirt e.

Mhol Mgr Moireach cuideachd gun deadh coimhead ri mar a ghabhas sgeama a b' àbhaist a bhith an sàs, far an robh comataidhean ionadail a' dèanamh cho-dhùnaidhean mu ghnothaichean croitearachd sna paraistean aca fhèin, a thoirt air ais.

Aig deireadh nan 1990an, chuir Coimisean nan Croitearan, mar a bh' orra aig an àm sin, sgeama pìleat air chois ann an trì paraistean air a' Ghàidhealtachd - ann an Slèite, Barabhas 's Brù agus Fàrr MhicAoidh.

Thug iad cothrom do chlarcan-baile beachdachadh agus co-dhùnadh a dhèanamh air iarrtasan fo sgèith oifigearan a' Choimisein.

Ach cho-dhuin an Coimisean gun a dhol air adhart leis an sgeama aig a' cheann thall.

Comataidhean Paraiste

Tha Gabhann Mac a' Phearsain, a bha na chlarc air a' bhuidhinn an Slèite, den bheachd gun robh buannachdan na chois agus gum faodadh gun obraicheadh e san là a th' ann.

"Bha clarc às gach baile ann an Slèite a' tighinn còmhla airson a bhith a' beachdachadh air cùisean a bha a' tighinn fa chomhair a' Choimisein, rud sam bith a bha a' buntainn ri croitearachd ann an Slèite," thuirt e.

"Bha beachd ann, le taic bho oifigearan a' Choimisein, gum biodh sinn dìreach a' beachdachadh air gach cùis agus a' dèanamh mholaidhean airson a' Choimisein.

"Chan eil fhios agam an robh an Coimisean aig an àm sin a' toirt cus aire air na molaidhean againn, ach bha cothrom againn feuchainn air a' phròiseas co-dhiù.

"Bha sinne a' faireachdainn gun robh sinn a' fàs cleachdte ris na riaghailtean.

"Tha e caran teann, cumhang, na rudan a ghabhas beachdachadh air nuair a thig cùis fa comhair a' Choimisein.

"Ach bha sinne a' faireachdainn gun robh sinn a' fàs cleachdte ri dòighean lagh na croitearachd, agus comasach air co-dhùnaidhean a dhèanamh.

"Tha mi a' smaoineachadh gun robh a' mhòr-chuid againn a' faireachdainn an dèidh bliadhna gun robh sinn a' fàs cleachdte ris agus gun robh sinn comasach air co-dhùnadh a dhèanamh air leithid assignations agus di-chroitearachd 's an leithid sin.

"Tha mi a' smaoineachadh gun robh buannachdan an cois nan comataidhean seo, anns na t-seagh gun robh eòlas ionadail air daoine agus air an àite, air na croitean, aig a' bhuidhinn, agus mar sin bha iad fada na b' eòlaiche na buidheann ann an Inbhir Nis.

"Dh'fhaodadh sin a bhith na dhuilgheadas aig amannan le cinnt.

"Ach nan robh duine sam bith air a' chomataidh càirdeach ri cuideigin a bha a' cur air adhart assignation no rudeigin mar sin, bhiodh an duine sin a' fàgail an t-seòmair gun a bhith a' gabhail pàirt anns a' cho-dhùnadh.

"Bha fhios againn nach robh cumhachd againn, ach tha mi a' smaoineachadh gun robh a' mhòr-chuid againn a' faireachdainn gun gabhadh e dèanamh.

"B' fhiach e smaoineachadh air (na comataidhean a thoirt air ais).

"Tha fhios agam gu bheil cuid de bhailtean nach eil toilichte leis an dòigh a tha an Coimisean ag obrachadh an-dràsta. 'S dòcha gu bheil feum air sgrùdadh air dòighean eile.

Ùrachadh

"Shaoilinn gun obraicheadh seo anns an dòigh a bha iad ga fheuchainn 15 bliadhna air ais.

"Tha mi cinnteach gum feumadh ìre de chuideachadh, 's de thaic a bhith ann, gun teagamh sam bith," thuirt e.

Thuirt labhraiche aig Riaghaltas na h-Alba: "Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn gu bheil dragh air a bhith air croitearan o chionn ùine mu reachdas a tha ro thoinnte gus seann-fhasanta.

"Bheir sinn ùrachadh air lagh na croitearachd gus a dhèanamh nas tro-fhaicsinnich, nas so-thuigsinnich, agus so-obraichte ann an da-rìribh, agus nì sinn sin taobh a-staigh teirm na Pàrlamaid seo.

"Bhiodhte an dùil gum biodh riaghladh na croitearachd na phàirt den phròiseas seo, agus tha Riaghaltas na h-Alba a' cur fàilte air conaltradh ri buidhnean croitearachd, agus ri croitearan fhèin, fhad 's a leanas an obair."