Coinneamh ga h-iarraidh mu Dhùn Deòrsa

Dùn Deòrsa Image copyright Thinkstock

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh coinneimh ri Ministrealachd an Dìon feuch soilleireachadh fhaighinn air suidheachadh Dhùn Deòrsa faisg air Inbhir Nis.

Tha dragh ann gu bheil Ministrealachd an Dìon a' beachdachadh air an Arm a tharraing a-mach às a' ghearasdan.

Chan e seo a' chiad uair a nochd ceist mu Dhùn Deòrsa, a tha na dhachaigh dhan Fhreiceadan Dubh.

Bha moladh ann a dhùnadh ann an 2011, ach chaidh a ghlèidheadh air a' cheann thall.

Tha dragh air nochdadh às ùr ge-tà, gum faodadh an MOD an t-Arm a tharraing às, is e na phàirt de dh'ath-sgrùdadh ùr.

Bha ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Màiread Davidson, os cionn coinneimh mun ghnothach Dimàirt, is ball na sgìre aig Westminster, Drew Hendry, am measg na bha an làthair.

Thuirt Màiread Davidson gu bheil a' Chomhairle mar thà air fios air chur air an Riaghaltas leis na draghan a th' orra, is gu bheil iad a-nise ag iarraidh coinneimh leis an MOD fhèin gus soilleireachadh fhaighinn, is 'son argamaid a dhèanamh Dùn Dhèorsa a chumail mar a tha e.