Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Obar Dheathain

Tha luchd-poilis foireansach a' dèanamh sgrùdaidh an Obar Dheathain an dèidh mar a bhàsaich triùir an dèidh buairidh an-raoir. Chaidh fios a chur air na Poilis beagan an dèidh 8:00f gu Donside Court ann an sgìre Thulaich an Droighinn den bhaile. Bhàsaich boireannach agus dithis fhireannach, is tha na Poilis a' feuchainn ri dhèanamh a-mach an do thuit fear de na fir bhon 12na làr den togalach.

An Gearasdan

Aig a' cheart àm tha e coltach gun deach dithis a ghoirteachadh ann am buaireadh eile sa Ghearasdan an-raoir, anns an deach chainsaw a chleachdadh. Chaidh fireannach aois 49 a chur an grèim an co-cheangail ris a' chùis, a thachair ann an sgìre a' Chaoil mu 8:30f an-raoir. Tha fireannach anns na 70an ann an staid ìosal ann an Ospadal Rìoghail Ghlaschu. Agus chaidh cobhair cuideachd a dhèanamh air boireannach na 60an, ann an Ospadal a' Bhelford, ged a fhuair ise dhachaigh.

Saighdear

Thàinig dearbhadh bho Mhinistrealachd an Dìon gun do bhàsaich saighdear anns a' Chuimrigh. Bha an saighdear, a bhuineadh do Rèiseamaid na Rifles, a' trèanadh ann an sgìre nam Brecon Beacons. Thàinig seo an dèidh mar a bhàsaich triùir bhon arm anns an aon sgìre san Iuchar 2013. Chaidh càineadh a dhèanamh air mar a dhèilig an MOD ris na cunnartan a bha na lùib aig an àm.

Comhairle na h-Eòrpa

Dhearbh am Prìomhaire, Theresa May, nach bi Breatainn a' gabhail a h-àite mar cheann-suidhe air Comhairle na h-Eòrpa mar a tha còir. Tha gach dùthaich a tha na ball a' faighinn cothrom sia mìosan a dhèanamh os cionn ghnothaichean. Ach thuirt Theresa May gur e a bhith a' fàgail an AE a bhios air faire Bhreatainn aig an àm. Tha seo a' tighinn agus am Prìomhaire a' dèanamh air a' Ghearmailt an-diugh airson chòmhraidhean le Seansalair na dùthcha sin, Angela Merkel.

An Eaconamaidh

Sheall na figearan as ùire nach tàinig fàs sam bith air eaconamaidh na h-Alba anns a' chiad chairteal den bhliadhna seo. Cha tàinig ach fàs 0.6% air toradh tionnsgalachd na dùthcha, le eòlaichean a' coireachadh buaidh prìs na h-ola. Aig a' cheart àm ge-tà, chaidh an àireamh dhaoine a tha a' sireadh cosnaidh sìos an dà chuid ann an Alba agus anns an Rìoghachd Aonaichte air fad.

Libia

Thàinig dearbhadh bhon Fhraing gun deach triùir shaighdearan leotha a mharbhadh ann an Libia. Bha iad a' sabaid an aghaidh bhuidhnean Ioslamach ann am baile Bangazi air taobh sear na dùthcha. Seo a' chiad trup a chaidh a dhearbhadh gu bheil saighdearan Fraingeach a' sabaid ann an Libia.