Dithis air an goirteachadh sa Ghearasdan

Chaidh dithis a ghoirteachadh ann am buaireadh anns a' Ghearasdan oidhche Mhàirt 's aithrisean ann gun robh sàmh-sèine na lùib.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 8:30f.

Chaidh fireannach, anns na 70an, a ghluasad gu Ospadal Rìoghail Ghlaschu far a bheil e ann an stait sheasmhaich.

Fhuair boireannach, anns an 60an, dhachaigh às dèidh dhi-se leigheas fhaighinn ann an Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan.

Chaidh fireannach, 49, a chur an grèim às dèidh an tachartais air Sràid Ghlenkingie ann an sgìre a' Chaoil.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile