Rabhadh mu Phokemon Go anns na beanntan
- Air fhoillseachadh

Nochd rabhadh bho Chomhairle Shreapadaireachd na h-Alba gum bu chòir do dhaoine a bhith air am faiceall ma tha iad a' cluich a' gheama Pokemon Go anns na beanntan.
Tha an geama, a bhios daoine a' cluich air na fònaichean-làimhe aca, air aire mhòran a ghlacadh bho nochd e an t-seachdain a chaidh.
Bidh mòran a' coiseachd nan sràidean a' sireadh nan caractaran beaga, ach tha dragh ann gum faodadh feadhainn iad fhèin a chur ann an cunnart mura toir iad fa-near na tha a' tachairt timcheall orra.
Thuirt Heather Morning bho Chomhairle Shreapadaireachd na h-Alba gum biodh e furasta do dhaoine a tha a' cluich a' gheama an t-slighe aca a chall, gu h-àraidh ann an àitean air nach eil iad eòlach.
Thog i cuideachd air a' chunnart gun caill fònaichean dhaoine cumhachd agus nach tèid aca air fios a chur air na seirbheisean èiginn ma tha cobhair a dhìth orra.
Thuirt i gu bheil an geama a' toirt air daoine a dhol a-mach agus gur e rud math a tha sin - cho fad 's gum bi daoine mothachail air far a bheil iad gus an till iad dhachaigh gu sàbhailte.