Uibhist ag iarraidh Coimisean an Fhearainn
- Air fhoillseachadh

Dh'innis Stòras Uibhist gu bheil iad a' còmhradh ri Riaghaltas na h-Alba a thaobh Coimisean an Fhearainn a stèidheachadh ann an Uibhist a Deas.
Tha a' bhuidheann ag ràdh gum bu chòir dha buidhnean den leithid a bhith air an sgaoileadh air feadh na dùthcha, is nach eil àite cho freagarrach dha Coimisean an Fhearainn ri Uibhist a Deas, a tha ann an làmhan na coimhearsnachd.
Tha Riaghaltas na h-Alba air cur romhpa Coimisean Fearainn a stèidheachadh ron 1mh là den Chèitean 2017.
"Tha ath-leasachadh an fhearainn a-niste gu math àrd air clàr-ghnothaich a' chuid mhòir de na tha a' tachairt anns an Riaghaltas an-dràsta," thuirt Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil.
Meadhanachadh
"Agus gu h-àraid mar a tha sinn fhìn, Stòras Uibhist, co-cheangailte ris an obair sin o chionn suas ri deich bliadhna.
"Agus tha sinn a' faicinn gum biodh e freagarrach gum biodh an leithid sin de bhuidhinn stèidhichte far a bheil an oidhirp sin a' dol air aghaidh, gu h-àraid ann an Uibhist.
"Faodaidh sinn cothrom a ghabhail, agus a dhèanamh cinnteach gu bheil sinn a' faighinn nan obraichean a tha sin agus gum bi iad stèidhichte air an obair a tha a' dol air aghaidh.
"Tha an obair a tha seo air tòiseachadh mar thà an taobh a-staigh an Riaghaltais, mu dheidhinn dè tha iad a' dol a dhèanamh, ciamar a tha iad a' dol ga dhèanamh, cò a bhios ga thoirt air aghaidh.
"Mura tachair sian, agus mura h-iarr sinne gun tig e an seo, bidh e an Dùn Èideann, no bidh e an Inbhir Nis.
"Tha sinne ga fhaicinn dìreach ceàrr gu bheil leithid sin de dh'obraichean a' dol dha na h-àiteachan a tha sin.
"Tha a h-uile sian a tha iad ag iarraidh, no a bhiodh iad ag iarraidh airson seo a chur air aghaidh againn ann an Uibhist.
"Tha na h-oifisean againn agus tha na daoine aig a bheil na sgilean seo a chur air aghaidh, gabhaidh iad faighinn, ged a dh'fheumadh daoine tighinn a-steach, ge b' i cò às a tha iad a' dol a thighinn.
"Tha daoine daonnan a' bruidhinn air a' mheadhanachadh a tha seo a tha a' dol air aghaidh, a thaobh a h-uile sian a tharraing an dàrna cuid a dh'Inbhir Nis no a Dhùn Èideann.
"Chan eil sin gu math sam bith dhan chòrr den dùthaich.
"Tha buidhnean eile a tha daoine air a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn o chionn fhada - Caledonian Mac a' Bhriuthainn, Bòrd na Gàidhlig - tha iomadach buidheann eile a bu chòir a bhith a' coimhead air seo.
"Agus bhiodh e freagarrach sin a dhèanamh.
"Chan e nach do thachair e roimhe. Thachair e, ach stad e.
"Bu chòir a-niste ath-nuadhachadh a thoirt air sin," thuirt e.