Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Obar Dheathain

Chaidh an triùir a bhàsaich ann am bloca flataichean ann an Obar Dheathain a' bhòn-raoir ainmeachadh. Tha na Poilis a' rannsachadh bàs Thracy Gabriel is Keith Mac an Tàilleir mar mhuirtean. Bhàsaich Uisdean Gallagher cuideachd nuair a thuit e bhon flat chun a' ghrunnd. Rannsaichidh Coimiseanair Rannsachaidh is Lèir-mheas nam Poileas suidheachadh a' bhàs-san.

Brexit

Thèid deasbad a chumail an Taigh nan Cumantan an-diugh mu mar a bhios fo-riaghaltasan Alba, na Cuimrigh agus Èireann a Tuath an sàs anns na còmhraidhean airson an t-Aonadh Eòrpach fhàgail. Bidh fear-labhairt Làbarach na h-Alba aig Westminster, Iain Moireach, os cionn an deasbaid. Tha e airson 's gum bi na fo-riaghaltasan uile gu lèir an sàs anns na còmhraidhean.

Cluaidh

Chaidh dàil a chur air togail ochd shoithichean cogaidh aig gàraidhean air Abhainn Chluaidh. Thuirt Ministrealachd an Dìon nach eil ceann-là aca fiù 's airson an obair a thòiseachadh air na soithichean Seòrsa 26. Thuirt cathraiche an aonaidh Unite aig Gàradh Scotstoun, gu bheil seo ag adhbharachadh trioblaidean anns na raointean obrach a thaobh chosgaisean agus a thaobh chosnaidhean.

Coimisean an Fhearainn

Thug Stòras Uibhist cuireadh dha Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choinneagan, a thighinn a dh'Uibhist 's iad ag iarraidh gun tèid Coimisean ùr an Fhearainn a stèidheachadh ann an Uibhist a Deas. Thuirt an t-uachdaran coimhearsnachd gu bheil iad a' bruidhinn ris an Riaghaltas mu seo, 's iad ag ràdh nach eil àite cho freagarrach ri Uibhist ann air a shon.

An Tuirc

Chuir Riaghaltas na Tuirce staid èiginneach an sàs a mhaireas trì mìosan. Tha seo a' toirt cead dha Ceann-Suidhe 's Caibineat na Tuirce laghan agus riaghailtean a chur an sàs gun cead pàrlamaid iarraidh. Bidh e cuideachd a' cuingealachadh chòirichean shaorannach na Tuirce. An t-seachdain seo chaidh dh'fheuch feachdan an airm ri smachd fhaighinn air an Tuirc, 's on uair sin tha an Riaghaltas air an cumhachdan a dhaingneachadh.

Tramaichean

Cosgaidh rannsachadh mun chonnspaid a chuairtich pròiseact thramaichean Dhùn Èideann còrr air £3.7m. Tha an rannsachadh a' sgrùdadh dè chaidh ceàrr leis a' phròiseact, nach robh deiseil nuair a bha còir aige a bhith, agus le loidhne na bu ghiorra nuair a chaidh a chrìochnachadh. Chosg loidhne nan tramaichean fada a bharrachd na bha dùil.