Coimisean na Croitearachd anns na h-Eileanan?
- Air fhoillseachadh

Mhol an Comhairliche Uibhisteach Uisdean Robasdan gun deadh buidhnean oifigeil, leithid Coimisean na Croitearachd a ghluasad dha na h-Eileanan an Iar.
Thuirt e gur ann a bu chòir do bhuidhnean a tha a' toirt buaidh air na h-Eileanan a bhith stèidhichte anns na h-Eileanan.
'S ann ann an Taigh a' Ghlinne Mhòir ann an Inbhir Nis a tha Coimisean na Croitearachd stèidhichte an-dràsta, còmhla ri Bòrd na Gàidhlig agus Dualchas Nàdair na h-Alba.
Obraichean
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil làn-àm aig coimhearsnachdan mar seo barrachd buaidh a bhith aca air na tha a' tachairt anns na sgìrean aca fhèin," thuirt e.
"Tha sinn gu math feumach air na h-obraichean - obraichean math a th' ann - agus 's dòcha nan cuireadh iad uile seachad geamhradh neo dhà an seo anns na h-Eileanan gum biodh barrachd tuigse aca air na duilgheadasan a th' ann a thaobh croitearachd 's iasgach".
Ghabh e ris ge-tà, gur e lagh na croitearachd fhèin a tha feumach air ùrachadh.
"Tha sinn feumach air daoine òga fhaighinn a-staigh agus tha sinn feumach air daoine òga croitean fhaighinn".
Nochd buaidh roimhe gum bu chòir prìomh oifisean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a ghluasad dha na h-Eileanan.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 20 An t-Iuchar 2016
- 14 An t-Iuchar 2016