Còrr air 1,000 rabaid air an spadadh ann an Nis

  • Air fhoillseachadh
Rabaid

Chaidh còrr air 1,000 rabaid a mharbhadh ann an Nis, ann an Leòdhas, bho thòisich iomairt-spadaidh an sin bho chionn trì mìosan.

Chuir Urras Oighreachd Ghabhsainn an sgeama-spadaidh air dòigh agus gearainean ann mun chall a tha na beathaichean a' dèanamh air a' mhachaire agus air talamh àitich.

Ach ged a chaidh còrr air 1,000 de na beathaichean a spadadh, tha an t-Urras ag ràdh gu bheil obair mhòr fhathast a dhìth airson smachd fhaighinn orra.

10,000 rabaid

Thuirt tè de stiùirichean an Urrais, Màiri Nic a' Ghobhainn, gu bheil iad a' tomhais gu bheil mu 10,000 rabaid anns an sgìre uile gu lèir.

"Chan eil sinn a' dol a chur às dha na rabaidean idir ach dìreach feuchainn ri smachd a chumail air na h-àireamhan a th' ann".

Tha an t-Urras leathach-slighe tro sgeama-spadaidh a mhaireas sia mìosan.

"Chan eil an seo ach sgeama pìleat gus am faic sinn ciamar a dh'obraicheas e - 's e toiseach-tòiseachaidh a th' ann agus chì sinn dè mar a dh'obraicheas seo agus ma dh'fheumas sinn rudan eile a dhèanamh feuchaidh sinn sin cuideachd".

Cumaidh an t-Urras coinneamh an ath-sheachdain airson fiosrachadh a thoirt do mhuinntir an àite mun sgeama.

Bidh a' choinneamh sin ann an ionad an Urrais ann an Gabhsann, Dimàirt 26mh den Iuchair aig 7:00f.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh