Dotairean a' fàgail Mhuile

  • Air fhoillseachadh
Tobar MhoireTùs an deilbh, Wfmillar/Geograph

Tha e air tighinn am bàrr gu bheil dithis dhotairean a ghluais gu Eilean Mhuile a dh'obair bho chionn ghoirid air an dreuchdan fhàgail.

Bha an dithis, a bha pòsta is stèidhichte ann an Tobar Mhoire, air cùmhnant sia mìosan aontachadh agus bha dòchas sa choimhearsnachd gun biodh iad airson fuireach.

Tha an naidheachd na bhuille don eilean, agus do dh'oidhirp nan eileanach dotairean a thàladh.

Thairis air an dà bhliadhna a dh'fhalbh tha iad air crìonadh fhaicinn san t-seibheis a tha ri fhaotainn taobh a-muigh uairean àbhaisteach, agus cha-mhòr a h-uile dotair den t-sianar a tha stèidhaichte eadar Muile agus Eilean Ì a' fàgail.

Dhearbh Seirbheis Slàinte na Gàidhealtachd gun obraich na dotairean ann an Tobar Mhoire na trì mìosan a tha air fhàgail sa chùmnant aca, ach gum fàg iad an uair sin seach nach robh an obair freagarrach dhaibh.

Thuirt fear-labhairt gun robh iad taingeil airson na h-obrach a rinn iad agus gum bi iad a-nis a' lorg dhaoine a thigeadh nan àite.

Aig an aon àm, tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil sgeama a thòisich iad gus dotairean teaghlaich a thàladh dhan sgìre san fharsainneachd ag obair.

A rèir a' bhùird, tha an sgeama "Being Here" air cuideachadh gus 14 dotairean fhastadh.

Fhuair NHS na Gàidhealtachd £1.5m bho Riaghaltas na h-Alba ann an 2014 airson sgeama a stèidheachadh.

Bha iad ag amas air seirbheisean cùraim seasmhach a leasachadh ann an sgìrean iomallach, is iad ag amas gu sònraichte air Cinn Tìre is Ìle, Loch Abar an Iar, agus na h-Eileanan Beaga.

Mar a chunnacas ann am Muile, tha trioblaidean a' leantainn le dotairean a thàladh is a chumail ann an sgìrean iomallach den Ghàidhealtachd.

A dh'aindeoin sin, tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil an sgeama aca air soirbheachadh.

Thuirt iad gun robh e na chuideachadh 14 dotairean fhasdadh, is gu bheil dòighean-obrach air tighinn às an sgeama a bhiodh gu feum ann an sgìrean eile.