Ceist mu ghearradh feòir air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
FeurachTùs an deilbh, Jonathan Billinger/Geograph

Dh'fhaodadh gum bi gearradh an fheòir ann an Roinn na Gàidhealtachd an urra ri luchd-obrach na Comhairle a-rithist, mar a bha o chionn bhliadhnaichean.

Tha mì-thoileachas mòr air bhith ann bho fhuair a' chompanaidh ISS, a tha stèidhichte ann an Surrey, an cùmhnant airson feur air fearann a bhuineas do Chomhairle na Gàidhealtachd a ghearradh ann an 2014.

Tha luach còrr is £31m sa chùmhnant.

Ach tha daoine a' gearain nach eil na garaidhean ann an àiteachan poblach san sgìre aig an ìre a bu chòir.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gun toir iad sùil às ùr air an t-suidheachadh.

Ach tha oigifich an ùghadrrais airson an cùmhnant a th' aca leis a' chompanaidh a leudachadh.

Thuirt fear de chomhairichean baile Inbhir Nis, Donaidh MacIlleChiar, ge-tà, gum bu chòir an obair a bhith an urra ri luchd-obrach na Comhairle, seach companaidh phrìobhaideach.

Thèid beachdachadh air a' chùis aig coinneimh air an ath-mhìos