Taigh-sgoile ga dhèanamh na flataichean
- Air fhoillseachadh

Thèid seann taigh-sgoile sa Chòigich a dhèanamh na flataichean gus dachannan air màl reusanta a thoirt do dhaoine òga na sgìre.
Roinnear an togalach, ann ann Aichilidh Bhuidhe, na dhà fhlat.
'S iad Urras Taigheadais Choimhearsnachdan Beaga na Gàidhealtachd, an co-bhann ri Companaidh Leasachaidh Coimhearsnachd na Còigich, a tha air cùlaibh a' phlana.
Fhuair an dà bhuidhinn maoineachadh airson a' phròiseict bho Riaghaltas na h-Alba, Bunait Nationwide, agus Comhairle na Gàidhealtachd.
Thuirt Companaidh Leasachaidh Choimhearsnachd na Còigich: "'S e fìor-dheagh naidheachd a tha seo don Chòigich.
"Tha am maoineachadh seo a' ciallachadh gum faod sinn tòiseachadh a-niste air seann Taigh-sgoile Aichillidh Bhuidhe a leasachadh, agus bidh dà fhlat againn a dh'aithghearr ri fhaotainn air màl sa choimhearsnachd.
"Tha dìth thaigheadais air prìs reusanta na thrioblaid dha-rìribh an seo, agus nì fiù 's dhà dhachaigh ùr diofar mòr."