Càineadh air fear-gairm Choimisean na Croitearachd

  • Air fhoillseachadh
Tràigh ChuilTùs an deilbh, Geograph John Allan

Tha eòlaiche air lagh fearainn agus croitearachd ag ràdh nach robh còir aig fear-gairm Choimisean na Croitearachd, Cailean Ceanadach, a bhith air gnothach a ghabhail ris a' cho-dhùnadh comataidh ionaltraidh Chuil Uaraich a chuir ma sgaoil.

Chuir an Coimisean a' chomataidh a-mach à oifis 's iad mì-riaraichte le sgrùdadh ionmhais a chuir iad thuca.

Tha an Dtr. Iain MacFhionghain bho Oilthigh Choventry ag ràdh nach robh còir aig Mgr Ceanadach a bhith air pàirt a ghabhail anns a' cho-dhùnadh sin air sgàth 's gu robh a' chomataidh air gearan a dhèanamh roimhe mun dòigh anns an do làimhsich e coinneamh a bh' aca leis.

Tha an Dtr MacFhionghain cuideachd dhen bheachd gum bu chòir dha Mgr Ceanadach a dhreuchd a leigeil dheth.

Cha tug an Coimisean beachd air na thuirt an Dtr MacFhionghain.

Tha iad iad air a ràdh roimhe gur ann a tha iad a' leantainn an lagha agus gur e nach eil tuigse ceart aig daoine air mar a tha lagh na croitearachd a' bualadh air comataidhean ionaltraidh.

"Earbsa"

Tha an Dtr MacFhionghain cuideachd ag ràdh gu bheil daoine a' call earbsa anns a' Choimisean air sgàth nan dòighean-obrach a thàinig a-steach bho chaidh Mgr Ceanadach na fhear-gairm air a' bhuidhinn.

Tha na dòighean-obrach sin a' cur "feagal agus fearg" air croitearan na bheachd-san.

Tha an Coimisean an-dràsta ag obair air stiùireadh ùr do chomataidhean ionaltraidh.

Tha iad air conastabal ionaltraidh a chuir an sàs ann an Col Uarach gus an tèid an suidheachadh a rèiteachadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh