Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

EU

Bha droch bhuaidh dha-rìribh aig bhòt Bhreatainn son an Aonadh Eòrpach fhàgail air an eaconamaidh, rèir ceisteachan gnothachais a chaidh fhoillseachadh an-diugh. Thuit clàr a tha a' tomhais gluasadan eaconamach chun na h-ìre a b'ìsle bho 2009. Thuit roinn nan seirbhisean agus toinnsgalachd. Ach dh'èirich na chaidh a reic thall-thairis, ri linn lagachadh ann an luach an not.

Buidseat

Aig a' cheart àm thuirt an seansalair, Philip Hammond, gur mathaid gun cleachd e a bhuidseat foghair son poileasaidh eaconamach na dùthcha ath-thòiseachadh. Bha e a' bruidhinn ro thuras gnothachais a Shìona. A rèir Mhgr Hammond, tha e ro thràth a bhith a' tomhais nàdar a' cho-dhunaidh an t-Aonadh Eòrpach fhàgail.

Còmhraidhean

Tha am prìomh mhinistear Nicola Sturgeon an sàs ann an còmhaidhean èiginneach le riaghaltasan na Cuimrigh agus Èirinn a Tuath an-diugh - gus bruidhinn air fàgail an Aonaidh Eorpaich, is a' bhuaidh a bhios aig an sin. B' e prìomh mhinistear na Cuimrigh, Carwyn Jones, a bh'air a chuir air dòigh ann an Cardiff. Thuirt Nicola Sturgeon gur e seo a choinneamh a bu chudromaiche fhathast de Chomhairle Bhreatainn is Èirinn.

Sports Direct

Bha dòighean obrach na companaidh Sports Direct na bu choltaiche ri taigh nam bochd sa naoidheamh linn deug, a rèir rannsachadh pàrlamaid. Fhuair buill Chomataidh a' Ghnothachais nach robh iad a dèiligeadh ris an luchd-obrach aca ann an dòigh a bha idir iomchaidh. Ach thuirt Sports Direct gu bheil a bhith a' toirt spèis agus urram dhan a h-uile duine a-measg nam poileasaidhean aca.

Trump

Thuirt Dòmhnall Trump gum faigheadh e smachd air foirneart agus inimreachd mì-laghail, ma bhiodh esan na cheann-suidhe - is e nise dearbhte mar thagraiche oifigeil nam Poblachdadh san taghadh cheann-suidhe ann an Aimearagaidh. A' bruidhinn aig a' cho-labhairt a-raoir, thuirt e nach b'urrainn Aimearagaidh a bhith cho faiceallach a thaobh a bhith a' dèanamh rudeigin mì-phoilitigeach san àm ri teachd.

An Gearasdan

Thuirt doctairean Ospadal Rìoghail Ghlaschu gu bheil iad dhen bheachd gu bheil iad air làmh fear a chaidh a leon le sàbh slabhrach neo chainsaw a shàbhaladh. Chaidh ionnsaigh a thoirt air Reamonn Mac a' Phearsain, a tha 77, leis an t-sàbh slabhrach sa Ghearasdan an t-seachdainn sa. Às dèidh deich uairean a thide fo obair lannsa, chaidh aithris g'eil làmh an duine a-nis air a sàbhaladh.