BFG poster
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

BFG a' toirt buannachd dhan Eilean Sgiathanach

22 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bi cuimhne aig gu leòr air an leabhar chloinne ainmeil aig Roald Dahl - am BFG.

Uill, tha an sgeulachd sin a-nis ann an riochd fiolm agus bhon diugh tha e ri fhaicinn ann an taighean deilbh.

Ach eu-coltach ris an leabhar, tha ceangal Gàidhealach aig an fhiolm leis gun deach pìosan dheth a chlàradh ann an ceann a tuath an Eilein Sgiathanaich.

Tha buidhnean turasachd a-nis an dòchas gun tig barrachd dhaoine a thàladh chun na sgìre ri linn .

Tha Calum MacIlleathain ag aithris.