Dealbhan air fhoillseachadh an dèidh ionnsaigh
- Published
image copyrightPolice Scotland
Rinn Poilis Alba iarrtas às ùr airson fiosrachaidh mu ionnsaigh air fireannach ann an Inbhir Nis san t-Sultain an-uiridh.
Dh'fhoillsich iad dealbhan CCTV de thriùir fhireannach ris a bheil iad airson bruidhinn co-cheangailte ris a' chùis.
Thachair an ionnsaigh air Ceum Nis sa bhaile mu 03:50 an 25mh dhen t-Sultain.
Dh'iarr na poilis air duine sa bith aig an robh fiosrachadh a dhol gu Poilis Alba neo Crimestoppers.
image copyrightPoilis Alba