"Tuigse" ga h-iarraidh mu dhotairean Mhuile
- Air fhoillseachadh
Dh'iarr comhairliche ann an Eilean Mhuile air ceannardan NHS na Gàidhealtachd "tuigse a nochdadh" agus coltas ann gum fàg dotair eile an t-eilean.
Tha Màiri Sìne Devon ag ràdh gu bheil dotair ionadail a' tairgsinn ionad dotair a ruith leis fhèin ann am Bun Easain, an ceann a deas Mhuile - ach gun deach sin a dhiùltadh le Bòrd na Slàinte.
Tha seo a' tighinn às dèidh naidheachd na seachdain seo chaidh gu bheil càraid phòsta a th' air a bhith ag obair ann an Tobar Mhoire a' cur an cùl ris an eilean.
"Tha fear de na dotairean a tha ag obair san eilean an-dràsta, 's a th' air a bhith an seo grunn bhliadhnaichean, tha e air leigeil fhaicinn gu bheil e a' falbh," thuirt a' Bh.Ph. Devon.
Sàr-eòlach
"Dotair a tha sàr-eòlach, aig a bheil fìor dheagh chliù mar dhotair ann an sgìre dhùthchail, iomallach, a th' air a bhith ris an obair ann am Muile fad bhliadhnaichean.
"Chuir e a-steach airson ionad an dotair ann am Bun Easain a ruith, agus cha d' fhuair e an obair.
"Bha e ag iarraidh a dhol sìos 's a bhith ga ruith leis fhèin, a th' air a dhèanamh roimhe anns an Ros Mhuileach agus Eilean Ìdhe.
"'S e duine eòlach a tha seo, 's chaidh a dhiùltadh.
"Tha mi air sgrìobhadh gu prìomh oifigear NHS na Gàidhealtachd a dh'iarraidh orra beachdachadh a-rithist.
"Tha eòlas an duine seo againn. Chan eil sinn ag iarraidh gum falbh e - agus chan eil esan ag iarraidh falbh nas motha.
"Tha sinn ag iarraidh air NHS na Gàidhealtachd a' chùis a thuigsinn.
"Tha sinne air còig dotairean a chall sna dhà no thrì bliadhnaichean mu dheireadh.
"A-niste tha sinn air an dithis dhotairean ùra againn an ceann a tuath Mhuile, air an do chuir a' choimhearsnachd fàilte dha-rìribh, agus a bha a' dèanamh obair mhath dha-rìribh, a chall.
"Nuair a dh'fhalbhas na dotairean seo an ceann beagan sheachdainnean, bidh aon dotair againn - seach an còignear air a bheil feum.
"Agus tha trioblaid mhòr againn fhathast cuideachd le seirbheis nan carbadan-eiridinn.
"Tha muinntir Mhuile, a-rithist, air am fàgail a' faireachdainn gun dìon - gu h-àraid feadhainn aig a bheil trioblaidean slàinte leantainneach," thuirt i.
Ann am brath-naidheachd, thuirt NHS na Gàidhealtachd gu robh e air faileachadh orra dotairean teaghlaich air tuarasdal fhastadh ann am Muile thairis air an dà bhliadhna a dh'fhalbh agus gu robh iad a-nis a' coimhead ri dotairean fhastadh tro chùmhnant eadar-dhealaichte.