Coinneamh ga h-iarraidh mu ribichean mì-laghail
- Air fhoillseachadh
Dh'iarr ceannard Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh coinneamhan leis na Poilis agus oighreachd ann an Gleann Dè, far a bheil, a rèir buidhne carthannais fiadh-bheatha, ribichean mì-laghail air an cur.
Thuirt an Comann Rìoghail Dìon nan Eun (RSPB) gum b' fheudar dhaibh faoileag a mharbhadh 's i air a lorg 's a dà chois briste ann an ribe air Oighreachd Inbhir Chall.
Thuirt an oighreachd, ged nach eil iad a' cur taic idir ri leithid de ribichean, nach do lorg rannsachadh a rinn na Poilis agus an luchd-obrach fhèin san sgìre dad a bha mì-laghail.