Obraichean ann an cunnart aig Raon Rocaidean Uibhist
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gun caill sianar an obair aig Raon Rocaidean Uibhist 's QinetiQ a' lùghdachadh na th' aca de luchd-obrach tron chompanaidh air fad.
A rèir fiosrachaidh a fhuair BBC Alba, chaidh fios a chuir gu 19 duine ag innse dhaibh gu bheil iad ann an cunnart an obair aca a chall - ach tha dùil gur e sia dreuchdan a dh'fhalbhas aig a' cheann thall.
Uile gu lèir tha QinetiQ a' cur romhpa mu 200 duine - mu 3% dhen luchd-obrach aca air fad - a chuir bhuapa air feadh na Rìoghachd Aonaichte.
Bha Riaghaltas Westminster am beachd Raon Rocaidean Uibhist a dhùnadh ann an 2010 ach chaidh cur às dhan phlana sin.
Cha robh QinetiQ deònach dearbhadh cia mheud obair a dh'fhaodadh falbh ann an Uibhist, ach thuirt iad gun dèan iad nas urrainn dhaibh airson obraichean a dhìon.
Mairidh an co-chomhairleachadh sia seachdainnean.